TTMTN

LIÒNRA TREÀNADH LUCHD-OIDEACHAIDH CHEÒL TRAIDISEANTA – Cùl fhiosrachadh mun chiad cholabhairt an Glann Rathais

Ann a bhith a’ sireadh nan dòighean as fheàrr airson a bhith a’ toirt taic do cheòl traidiseanta ann an Alba, rinn Comhairle nan Ealain co-chomhairleachadh farsaing a chaidh fhoillseachadh ann an aithisg sa Mhàrt 1999. Tha an aithisg seo – Ceòl Traidiseanta ann an Alba – ag amas gu sònraichte air trì prìomh roinnean taobh a-staigh ceòl traidiseanta: Foghlam, Fiosrachadh agus Tagradh.

Tron cho-chomhairleachadh seo, bha iarrtas mòr, farsainn ann airson leasachaidhean an lùib foghlam. Fhuairear a-mach san aithisg ged a bha buannachdan a thaobh teagaisg ceòl air an dearbhadh a thaobh leasachadh sòisealta, ealanta agus acadaimigeach, cha robh mòran aire air a thoirt do cheòl traidiseanta ann am foghlam agus chan eil mòran stòrais ann air a shon. Tha na buannachdan a tha ann do chloinn, dearbh-aithne agus tuigse chultarail a bhith aca cuideachd air an aithneachadh gu farsaing.

Bha na h-amasan fad-ùine a thaobh foghlaim air am foillseachadh mar a leanas: 

  • Bu chòir cothrom air ceòl thraidiseanta a bhith ann don h-uile duine a tha ga iarraidh.
  • Bu chòir dhan h-uile duine cloinne a bhith a’ fàgail na bun-sgoile le tuigse air, agus suim ann an ceòl traidiseanta na h-Alba.
  • Bu chòir do gach neach-ciùil òg a tha a’ dol tro shiostam foghlam na h-Alba deagh stèidh a bhith aige ann an ceòl traidiseanta na dùthcha.
  • Tha e comasach ceòl traidiseanta a ghabhail mar chuspair taobh a-staigh foghlam an treas ìre aig inbhe àird.
  • Tha goireasan teagaisg earbsach agus le creideas ann gus coinneachadh ris na h-amasan a tha gu h-àird.

 

Bha an liuthad atharrachadh math a tha a’ tachairt ann an ceòl traidiseanta ann an Alba air an aithneachadh. Tha daoine a-nis a’ faighinn eòlas air na cothroman a th’ aca gus ceòl traidiseanta ionnsachadh agus bhathar a’ faireachdainn gu robh an sgaoileadh farsainn de thrèanadh sa choimhearsnachd mar fhianais shoilleir air an obair chruaidh agus dealasach nam buidhnean agus daoine fa leth a tha ag obair san raon seo.

Tha am buidheann-stiùiridh a tha ann an-dràsta air a dhèanamh an àird de riochdairean bho: Fèisean nan Gàidheal, Fèis Rois, Oilthigh Srath Chluaidh (Creative & Aesthetic Studies), Colaisde Stow (Music and Creative Industries), Pròiseact Oideachaidh nan Inbheach – Buidheann Ceòl Scots, An Sàr Sgoil Cheòl Traidiseanta, agus Comhairle nan Ealain le cur-a-steach bho bhuidhnean ceòl thraidiseanta eile agus an SQA mar a bhios feum orra.

 ‘S e aon de na ro-innleachdan a thathar a’ moladh airson a bhith a’ cuideachadh ann a bhith a’ lìbhrigeadh nan amasan sin Lìonra Trèanaidh Ceòl Traidiseanta a stèidheachadh. Bha buidheann stiùiridh air a chruthachadh ann an 1999 agus choinnich na daoine a leanas còmhla tric gus beachdachadh air an dòigh air adhart airson trèanadh. Sa bhuidheann sa chiad dol a-mach bha: Comhairle nan Ealain, Sheena Wellington, Oifigear nan Ealain Thraidiseanta, Fìobha, Elspeth Cowie, An Eagraiche Nàiseanta, TMSA, Daibhidh Boag, Oifigear Leasachaidh, Fèisean nan Gàidheal, Don Bowman agus Jack Beck, bho Cholaisde Lauder agus Rita Hunter, Rianadair Fèis Rois.


Fèisean nan Gàidheal is a company limited by guarantee, and a registered charity, no. SC 130071.
An t-ùrachadh mu dheireadh 17/06/2007 11:40:29. © Fèisean nan Gàidheal 2007. Air a dealbh le Pelican Design Consultants. Air a cumail le Sitekit CMS.