Trèanadh

Trèanadh Luchd-Teagaisg Fèisean nan Gàidheal

Fèisean nan Gàidheal a’ sìreadh Luchd-trèanaidh airson Cùrsaichean Ùr a Lìbhrigeadh

Ann an 2017 chaidh dà chùrsa trèanaidh ùr a dheasachadh dha Fèisean nan Gàidheal le Iain F MacLeòid airson cothroman leasachaidh a thoirt do luchd-teagaisg a tha ag obair ann an roinnean foirmeil is neo-fhoirmeil tro obair Fèisgoil agus nam Fèisean. Tha na cùrsaichean air a dhealbhadh aig dà ìre; Ìre-bunaiteach airson luchd-teagaisg ùra agus Ìre-adhartach airson luchd-teagaisg aig a bheil barrachd eòlais.

Tha sinn a-nis airson buidheann de dhaoine a thrusadh a bhiodh comasach na cùrsaichean trèanaidh seo a thoirt seachad dhan luchd-teagaisg ann an coimhearsnachdan air feadh na dùthcha. Thèid dà latha trèanaidh a chumail air Disathairne 10 & Didòmhnaich 11 Màrt ann an Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, Inbhir Nis far am faigh an luchd-trèanaidh air dh’ ionnsachadh mu na cùrsaichean ùra, ‘s mar bu chòir dhaibh a bhith air an lìbhrigeadh, fo stiùir Iain F.

Air a’ chiad latha, thèid Iain troimhe gu mionaideach, a’ mìneachadh amasan a’ chùrsa, na cuspairean anns gach roinn agus mar a ghabhadh an teagasg. Bidh eisimpleirean de phlanaichean leasain aige, a bharrachd air molaidhean airson ùidh chloinne a chumail agus goireasan a dh’fhaodar cleachdadh. A bharrachd air seo thèid fiosrachadh a thoirt seachad mu Fèisean nan Gàidheal agus na Fèisean, dìon-chloinne, cleachdadh Gàidhlig tro theagasg leithid abairtean agus geamannan Gàidhlig agus thèid suil a chuir air goireasan teagaisg feumail, leithid tasglainn nàiseanta is ionadail.

Air an dàrna latha, thèid na compàirtichean a bhrosnachadh gus còmhradh air na dòighean-teagaisg agus na cleachdaidhean aca fhèin, agus gheibh sibh stiùireadh practigeach air mar a dh’ionnsaicheas iad do chompàirtichean na cùrsa mar a bhios iad a’ teagasg ann an diofar shuidheachaidhean.

Às deidh na làithean trèanaidh seo bidh sinn ag amas air na cùrsaichean seo a thoirt gu daoine air feadh Alba aig a bheil ùidh ann a bhith a’ teagasg aig Fèisean, ‘s tro Fèisgoil, ‘s gum bi sinn an dà chuid a’ leasachadh sgilean an luchd-teagaisg a th’ againn mar tha agus a’ brosnachadh ‘s a’ cumail taic ris an ath ghinealach do luchd-teagaisg.

Ma tha eòlas agad air teagasg agus ma tha thu airson ionnsachadh mar a lìbhrigeas tu ar cùrsaichean, bheir sùil air ar foirm-iarrtais agus innis dhuinn mu do dheidhinn fhèin. Cha bhi cosgais an lùib a’ chùrsa ‘s thèid cosgaisean reusanta a phàigheadh.

Gheibhear foirm-iarrtais aig : https://tinyurl.com/y7m2wsaz

Ceann-latha: 1 Màrt

Cuiridh sinn fios thugad 2 Màrt ma tha thu soirbheachail ann an àite a ghlèidheadh air a’ chùrsa.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council