5 Latha 2026: 6-11 Giblean

Thèid 5 Latha 2026 a chumail 6-11 Giblean aig Taigh-dubha nan Geàrranan, Eilean Leòdhais. ‘S ann do chloinn aois àrd-sgoile a tha fileanta sa Ghàidhlig a tha 5 Latha, far am faigh com-pàirtichean an cothrom a bhith mar phàirt de choimhearsnachd Gàidhlig, a’ coinneachadh ri agus ag ionnsachadh bho eòlaichean air iomadh chuspair co-cheangailte ri beatha làitheil san àite.

Bidh cothrom aig com-pàirtichean a dhol an sàs ann an iomadh chur-seachad, nam measg; croitearachd, còcaireachd, An Clò Hearach, dualchas na sgìre agus mòran eile –  a bharrachd air bùithtean-obrach air puirt is òrain.

Ged nach fheum comas ciùil a bhith aig com-pàirtichean airson 5 Latha a fhrithealadh, bidh sinn a’ tabhann cothroman sònraichte ceòl is òrain ionnsachadh bho shàr luchd-ciùil na Gàidhlig. 

Cosgaidh e £160 airson an tachartas, le taic ri fhaotainn do chuid de theaghlaichean ma bhios sin a dhìth, tha seo a’ gabhail a-steach bata-aiseag (ma bhios feum air) biadh is na cur-seachadan air fad airson an t-seachdain.

Gheibhear foirm iarrtais an seo – Foirm Iarrtais

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Calum Alasdair Friseal – calum.fraser@feisean.scot 

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer