Beairteas

2023-24

Bidh fiosrachadh mu dheidhinn 2023-24 a’ nochdadh an seo a dh’aithghearr.

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu amasan a’ phròiseict ri fhaotainn gu h-ìosal.

2021-22: Ann an co-obrachadh le e-Sgoil

Gheibhear liosta-chluich de chlàraidhean bho na seiseanan a dh’fhalbh gu h-ìosal, a’ tòiseachadh le Mairead NicLeòid (Na h-Òganaich) agus Norrie MacÌomhair (Skipinnish).

Tha fios mu gach aoigh ri fhaotainn air làmh dheas na duilleige.


A’ neartachadh sgilean cainnt na h-òigridh

  • A bheil Gàidhlig agaibh?
  • A bheil eòlas pearsanta no proifeiseanta agaibh air cuspair sònraichte no cur-seachad inntinneach?
  • A bheil sgeulachd agaibh ri innse mun Ghàidhlig nur beatha làitheil?
  • Am biodh ùidh agaibh taic a thoirt do neartachadh na Gàidhlig am measg òigridh?

Tro sheirbheis Fèisgoil, le taic bho Riaghaltas na h-Alba, tha Fèisean nan Gàidheal a’ sireadh taic bho dhaoine aig a bheil Gàidhlig ar sgeama Beairteas a thoirt air adhart.

Dè th’ ann?
’S e iomairt a th’ ann am Beairteas daoine le Gàidhlig a cheangal ri sgoiltean agus buidhnean coimhearsnachd. Bhiodh am beairteas cainnt aca, cho math ri eòlas air cultar na Gàidhlig agus iomadh cuspair eile air am b’ urrainn dhaibh bruidhinn ris a’ chloinn, na ghoireas luachmhor do chlann-sgoile. Chuireadh seo gu mòr ris an obair ionmhalta sa bheil luchd-teagaisg ann am foghlam Gàidhlig an sàs.

Carson?
Tha foghlam Gàidhlig glè shoirbheachail agus tha e deatamach ann a bhith a’ togail ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha luchd-teagaisg ag obair gu cruaidh gus clann a bhogadh sa chànan agus cuspairean eile a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig.

Chuireadh daoine le deagh Ghàidhlig gu mòr ri foghlam Gàidhlig ge b’ e dè an t-eòlas a th’ aca. Tha an Curraicealam airson Sàr-mhathais a’ brosnachadh obair den t-seòrsa seo le daoine ann an coimhearsnachdan.

Tha Beairteas ag amas air a bhith a’ cur ri foghlam sgoile, a’ toirt chothroman don chloinn a bhith a’ conaltradh ri daoine a bharrachd air an luchd-teagaisg aca fhèin. Le bhith a’ bruidhinn agus ag èisteachd ri daoine eile aig a bheil deagh Ghàidhlig mun eòlas a th’ aca air an obair sa bheil iad an sàs, no mu an cur-seachadan, gabhadh sgilean cainnt na h-òigridh a neartachadh agus farsaingeachd briathrachais a thoirt dhaibh nach biodh furasta a thogail tro obair làitheil na sgoile.

‘S dòcha gu bheil sibh air a’ phoileas, an sàs san t-seirbheis shlàinte, ann an obair coimhearsnachd no ceàird. ’S dòcha gu bheil eòlas sònraichte agaibh air òrain Ghàidhlig, eachdraidh, sgeulachdan, cogadh, spòrs no obair ann an dùthchannan eile. Dh’fhaodadh gu bheil sibh ri obair iasgaich, croitearachd, gàirnealaireachd, a’ togail dhealbhan, breabadaireachd, còcaireachd no cha mhòr rud sam a b’ urrainn dhuibh bruidhinn mu dheidhinn leis an òigridh.

Am biodh sibh deònach a dhol an sàs?
Nam biodh ùidh agaibh san obair agus ann an ath-bheòthachadh na Gàidhlig, bu mhath leinn cluinntinn bhuaibh. Bhiodh obair sam bith pàighte agus an urrra ri sgoiltean a dhol an sàs san sgeama. Sa chiad dol a-mach, bhitheamaid toilichte nan clàradh sibh airson Beairteas tron fhoirm seo.

Gheibhear bileag airson luchdadh a-nuas air taobh deas na duilleige.  Ma tha ceistean agaibh cuiribh fòn gu Eilidh NicChoinnich, Manaidsear Fèisgoil air 01463 225559 no post-d gu beairteas@feisean.org.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer