fèis chataibh a’ còmharrachadh cloich-mhìle cudromaiche

Wednesday 25th June 2014

Tha fiughair air Fèis Chataibh ris a’ chòigeamh fhèis thar fhichead aca a chumail san Iuchar ann an Goillspidh.

Eadar 7 – 11 den Iuchar thèid Àrd-sgoil Ghoillspidh a lìonadh le compàirtichean òga a’ faighinn oideachais sna h-ealain traidiseanta bho chuid dhen luchd-ciùil, seinneadairean is luchd-ealain a b’ fhèarr an Alba. Am measg nan cuspairean air an tairgse tron t-seachdain tha an fhidheall, am feadan is a’ phìob, bogsa-ciùil, giotàr, mandolin, òrain Ghàidhlig, fìdeag, clàrsach, meurchlàr, drumaireachd, dràma, ealain is sgeulachdan.

Agus gus a’ bhliadhna chudromach seo a chomharrachadh thèid cuirm-ciùil shònraichte a chumail Diciadain 9mh den Iuchar ann an Àrd-sgoil Ghoillspidh is fàilte chridheil air a’ choimhearsnachd air fad a thighinn ann.

Thuirt rùnaire na fèise Debbie Celli,
“Tha aighear oirnn a’ chlach-mìle chudromach seo a ruighinn agus bu thoil leam taing mhòr a thoirt as leth a’ chomataidh dhan a h-uile neach a bha an sàs anns an fhèis thairis air na bliadhnaichean. Tha fiughair oirnn ris an fhèis fhèin ach gu h-àraid ris a’ chuirm-ciùil oidhche Chiadain- sin a’ phrìomh thachartas againn gus an ceann-latha a chomharrachadh agus tha mi cinnteach gum bi oidhche mhòr de cheòl is chraic againn.”

B’ ann an 1990 a thòisich Fèis Chataibh is i ag amas ri oideachas ceòl, cànan is cultar na Gàidhealtachd a thairgse do dh’ òigridh na sgìre eadar 8 is 18 bliadhna a dh’ aois. A bharrachd air prìomh sheachdain an Iuchair bidh an fhèis a’ cumail iomadh tachartas eile tron bhliadhna leithid bhùthan-obrach, seiseanan obair-còmhlain agus Cèilidh air Chuairt, sgeama air leth soirbheachail a tha a’ fastadh luchd-ciùil òga eadar 16 is 25 bliadhna a dh’ aois air turas ciùil phroifeiseanta gach samhradh.

Airson barrachd fiosrachaidh no gus àite fhaotainn aig a’ phrìomh sheachdain nach cuir sibh fios gu Debbie Celli, rùnaire na fèise, air 07731 761 982 / feischataibh@yahoo.co.uk no bheiribh sùil airwww.feisean.org.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer