Tuesday 1st July 2014
Eadar am Faoilleach agus toiseach a’ Ghiblein chaidh deich seachdainean de theagasg Gàidhlig a thabhann ann an deich sgoiltean an Loch Abar tron t-seirbheis Fèisgoil. ‘S e pròiseact deuchainn a bha seo air a mhaoineachadh le Comhairle na Gàidhealtachd agus Riaghaltas na h-Alba.
Thug seo cothrom do faisg air ceithir ceud sgoilear air a’ Ghàidhealtachd beagan Gàidhlig ionnsachadh tro chur-seachadan, geamaichean is òrain, air an cruthachadh le Fèisgoil, a bha spòrsail is tarraingeach, ach aig an aon àm glè fheumail a thaobh cànain. Chaidh na clasaichean a lìbhrigeadh le Anna Mhàrtainn agus Anna Stiùbhart. Is cinnteach gun robh buaidh aig na comasan ciùil aca air na clasaichean anns an robh iad an sàs!
Chòrd am pròiseact ris a’ chloinn cuideachd le 95% dhiubh ag ràdh cho math ‘s a bha na leasanan agus 87% ag iarraidh tuilleadh Gàidhlig ionnsachadh.
Chaidh Dougie Beck, Oifigear Gàidhlig Fèisean nan Gàidheal, is ceathrar sgoilearan bho Bhun-sgoil Achadh an Todhair Uaraich gu coinneamh gus innse do Chomhairlichean Uàrd a’ Ghearasdain is Àird nam Murchan de Chomhairle na Gàidhealtachd mar a chaidh leis a’ phròiseact. Chaidh taisbeanadh a shealltainn do na buill, le iomradh bhon chloinn fhèin air cho math ‘s a chòrd na clasaichean riutha.
Chaidh teisteanasan a thoirt seachad don chloinn le Ceannard Chomataidh Sgìre Loch Abar, An Comh Tòmas MacIllFhinnein, às dèidh an taisbeanaidh mar chomharra air an oidhirp a rinn iad gus a’ Ghàidhlig a thogail.
Thuirt an Comhairliche Hamish Friseil, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Tha mi air leth toilichte gun do shoirbhich cho math leis an luchd-teagaisg agus na sgoilearan a bha an lùib Fèisgoil. Dhearbh an com-pàirteachas seo còmhla ri Fèisean nan Gàidheal gum feum sinn a h-uile innleachd a th’againn airson a bhith a’ frithealadh gach iarrtas airson ionnsachadh na Gàidhlig ann am bun-sgoiltean na Gàidhealtachd mar a tha an sruth sin a’ fàs. Tha mi air mo mhisneachadh gu mòr le mar a chòrd seo ris an luchd-teagaisg agus ris a’ chloinn agus mar a bha e luachmhòr dhaibh le chèile a-thaobh ionnsachadh agus teagasg, agus bidh sinn a’ coimhead a-nis dè chaidh ionnsachadh airson a chur gu feum anns an ùine ri teachd.”
Thuirt Alasdair Allan, am Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànain na h-Alba: “Bu mhath leam meala-naidheachd a chur air a h-uile duine a bha an sàs ann am pròiseact Fèisgoil. Tha e gu sonraichte misneachail gu bheil an teachdaireachd a tha sinn a’ togail bhon chloinn agus bhon luchd-teagasg cho cuideachail, agus gu bheil e a’ sealltainn gu soilleir mar a tha ùidh am measg òigridh airson a bhith a’ cur ri na sgilean aca ann an Gàidhlig. Tha pròiseactan mar seo a tha a’ cleachdadh diofar sheòrsaichean de mhodhan agus meadhanan-teagaisg deatamach ann a bhith ag àrdachadh nan àireamhan chloinne a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig.”
Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal: “Tha sinn toilichte leis mar a shoirbhich leis a’ phròiseact deuchainn seo agus tha sinn a coimhead air adhart ri còmhraidhean leis a Chomhairle mu na toraidhean bhon phìleat. Chaidh pròiseact den aon t-seòrsa air adhart ann an Gallaibh is Dùthaich MhicAoidh bho chionn greis agus tha sinn ga mheasadh an-dràsta leis a h-uile coltas gun deach cùisean a cheart cho math san sgìre sin.”