subhachas agus saibhreas an cùirt an aodainn

Monday 7th July 2014

Mar chomharra air a’ bhliadhna iomraiteach a tha seo ann an eachdraidh fèisean Blas air a’ Ghàidhealtachd – seo an 10mh fèis, thig feadhainn de na seinneadairean is luchd-ciùil is cliùitiche an Alba còmhla aig Cùirt an Aodainn an Inbhirnis fad seachdain na fèise.

Bidh Blas a’ tòiseachadh air a’ chiad dheireadh sheachdain dhen t-Sultain agus thèid gnothaichean air adhart leis a’ chiad oidhche mhòr, Dihaoine an 5mh latha, far am bi coimisean ùr Binneas nam Beann le Iain MacPhàrlain à Gleann Fhionnain, stèidhichte air a’ bhàrdachd ainmeil Moladh Beinn Dòbhrain le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir,’s dòcha bàrdachd cho ainmeil sa th’ againn ann an Gàidhlig, ga fhoillseachadh airson a’ chiad uair.

Eadar sin agus a’ chuirm mu dheireadh a bhios aig an fhèis ann an Cùirt an Aodainn, bidh gu leòr eile a’ tachairt air an àrd ùrlar ainmeil an Inbhir nis.

Air an dàrna oidhche thèid Subhachas a chumail far am bi Cherish the Ladies, an Trio aig Mischa Nic a’ Phearsain, Ross Ainslie agus Jarlath MacEanruig a’ tighinn còmhla agus iad fhèin a’ luaidh eachdraidh nam Fèis.

‘S e bliadhna iomraiteach a th’ann cuideachd do dhaoine a tha a’ tadhal air a’ Ghàidhealtachd agus tha cuirm ga cur air adhart oidhche Dhiardaoin, 11mh Sultain, a chòrdas ri duine sam bith aig a bheil ùidh ann an tilleadh dhachaigh. Bidh na buidhnean Macanta agus Mànran ann a bharrachd air dannsairean Cheryl Heggie agus chan e a-mhàin aon shàr-phìobaire ach dithis – agus `s e Aonghas MacColla a th’air an dithis aca! Agus thèid fàilte chridheil a chur air aus gu 200 de na lùth-chleasaichean as motha agus as làidire air an t-saoghal agus iad a’ tadhal air Pàirc Cruinneachaidh Inbhir Nis airson Farpais Mhaighstirean an t-Saoghail bho 12-14 Sultain.

Seachdain mhòr a bhios ann cuideachd do shaoghal na camanachd agus tha spòrs nan Gàidheal agus an luchd-ciùil air tighinn còmhla a rithist an oidhche mas bi a’ chuairt dheireannach de Chupa na Camanachd ann an Inbhirnis. Ann an “Glòir nan Caman”, Dihaoine 12mh, bidh Uisdean MacIllInnein agus a chuideachd Linda NicLeòid, Calum Ailig MacMhaoilein agus Megan NicEanruig còmhla ri pìobairean IlleBhrath à Calrossie an dà chuid a’ coimhead air ais gu àm a’ chiad chogaidh agus cuideachd a-null thairis gu saoghal nan Gàidheal an tìrean cèin.

Ma bhios anail idir air fhàgail aig daoine oidhche Shathairne, bidh “Ceòl nam Fèis” a’ tarring ri chèile cuid den luchd-ciùil as fheàrr a-measg òigridh nam Fèisean. Tha Blas air a bhith a’ brosnachadh obair òigridh bhon a thòisich i agus ‘s e cothrom a tha seo air an oidhche mu dheireadh dhen Fhèis, Disathairne 13mh, toradh nam Fèisean a chomharrachadh air prìomh àrd-ùrlar na fèise.

Thuirt stiùiriche na fèise Donna NicRath: “Tha na cuirmean seo air a bhith gu math soirbheachail anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh. Mar sin, mholainn do dhaoine iad fhèin a chur gu bocsa nan tiogaidean cho luath sa ghabhas. Tha fhios againn gum bi fèill mhòr air na tiogaidean agus na cuirmean mòra a tha seo gu sònraichte. Tha sinn deimhinne gur e dòigh mhath agus cumhachdach a th’ ann air na bunaitean a thog sinn thar 10 bliadhna a chaidh a neartachadh agus cruinn-leum eile a dhèanamh air adhart.”

Gheibhear prògram slàn na fèise, cuiream Cùirt an Aodainn nam measg, an seo.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer