ban-sgitheanach òg an obair eadar-nàiseanta

Sunday 27th July 2014

Fhuair ban-Sgitheanach òg, Christina NicDhòmhnaill cothrom a dhol an sàs ann an ‘Aiseag’, pìos ciùil sònraichte ùr bho dhà thaobh a’ Chuain Shiair. Tha am pìos aig cridhe nan tachartasan cultarail do Ghlaschu 2014, fear de 20 coimisean ùr a chaidh a thaghadh mar phàirt den iomairt shònraichte: PRS Foundation New Music Biennial. Chaidh am pròiseact a tharraing ri chèile le Màiri Anna NicUalraig, à stiùdio aithnichte Watercolour Music ann an Lochabair. Thug i còmhla cuid den luchd-ciùil traidiseanta agus clasaigeach às fheàrr à Alba Nuadh agus Alba.

Bha Màiri Anna a’ sireadh guth òg à ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich airson cuid de bhàrdachd Aonghais Dhuibh a leughadh agus, le taic bho Fèisean nan Gàidheal, chaidh Christina NicDhòmhnaill à Stafainn, a bhios a’ gabhail pàirt san fhèis ionadail, a thaghadh. Tha Christina air pàirt a ghabhail mar-thà anns a’ chiad chuirm de Aiseag anns an Iuchar aig Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach agus aig cuirm mhòr chliùiteach aig Ionad Southbank ann an Lunnainn far an tug Aiseag gnothaichean gu ceann.

Gheibhear dà chothrom eile Aiseag fhaicinn as t-samhradh – mar phàirt de chuirm mhòr de cheòl à dà thaobh a’ Chuain Shiair ann an Taigh-dhealbh Eden Court air Dihaoine, 1 An Lùnastal agus aig Talla Consairt Rìoghail Ghlaschu air Disathairne 2 An Lùnastal mar phàirt de Phrògram Cultarail Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis.

Bidh Christina a’ gabhail pàirt còmhla ri Màiri Anna NicUalraig a chaidh a bhrosnachadh le coimhearsnachdan, cultar agus ceanglaichean air a starsaich fhèin. Tha blas eadar-nàiseanta air a’ ghnothach bhon a tha Màiri Anna air ceangal a dhèanamh ri fear de na sgrìobhadairean-ciùil as iomraitiche ann an Canada, Scott Mac a’ Mhaoilein, riochdaire Watercolour Music Nick Turner agus am bàrd Gàidhlig Aonghas MacNeacail airson obair ùr shònraichte a chruthachadh a chuireas Gàidhlig – an cànan agus an cultar – aig fìor chridhe thachartasan aig Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis.

’S e pìos obrach còig mionaidean deug a th’ ann an Aiseag a fhuair brosnachadh bhon lìonradh de bhàtaichean-aiseig beaga a bhios a’ treabhadh a’ chuain air costa taobh siar na h-Alba agus Alba Nuadh, gu h-àraid MV Corran a thèid tarsainn na Linne Duibhe aig Àrd Ghobhar far a bheil dachaigh Màiri Anna. Tha an t-aiseag fìor chudromach mar cheangal eadar cinn-tìre Aird nam Murchan agus na Morbhairne agus tìr mòr le ceangal cuideachd ann do dh’Eilean Mhuile agus Eilean Idhe. Tha Màiri Anna agus Scott air pìos ciùil a chruthachadh do chòisir, teudan agus luchd-ciùil traidiseanta, a’ cur fonn ri bàrdachd Aonghais agus a’ fighe a-steach fuaimean fìor an àite a chaidh a chruthachadh le Nick.

A’ toirt taic ris an sgioba chruthachail tha fìdhlear òg tàlantach à Ceap Bhreatainn, Cailean Grannd, am pìobaire Aonghas MacCoinnich às a’ chòmhlan aithnichte Dàimh, an neach-ruitheamachd Ailean Òg Dòmhnullach, am fear-beusaidh Brodie Jarvie, a’ chòisir iomraiteach Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis agus Teudan Fèise na h-Alba.

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal: “Tha sinn air leth toilichte taic a thoirt do Aiseag, gu h-àraid nuair a bheir e cothrom do neach-labhairt òg na Gàidhlig pàirt a ghabhail ann an obair aig a bheil inbhe eadar-nàiseanta. Aig àm far a bheil sùilean an t-saoghail air Alba agus cultar na h-Alba, ’s e cothrom air leth a th’ ann an Aiseag do Christina NicDhòmhnaill pàirt a ghabhail ann an tachartas aig an ìre as àirde.”

Tha an dealbh, le Seán Purser, a’ sealltainn Christina cuide ri Aonghas ‘Dubh’ MacNeacail.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer