thèatar òigridh gàidhlig san spot-solas

Wednesday 10th September 2014

Chaidh ‘Fèis Dràma Dheugairean’, fèis de Thèatar Òigridh Gàidhlig, a chumail aig Eden Court ann an Inbhir Nis air Diciadain 10 Sultain 2014.

‘S e Eden Court CRUTHACHAIL a chur an Fhèis aon-latha air dòigh ann an co-bhonn le Fèisean nan Gàidheal, far an deach dealbhan-cluiche Gàidhlig ùra a thaisbeanadh bho Thèataran Òigridh Gàidhlig à Baile Dhubhthaich, Inbhir Pheofharain agus Inbhir Nis.

  • ‘Lean do chridhe’ – dealbh-chluich ùr le Thèatar Òigridh Bhaile Dhubhthaich mu dheugaire ainmeil a tha airson slighe ùr a ghabhail na beatha.
  • ‘Àm na buana’- dealbh-chluich ùr le Thèatar Òigridh Inbhir Pheofharain a’ sealltainn mar a dhèiligeas dithis charaidean ri burraidheachd san sgoil aca le taic bhon eadar-lìon.
  • ‘Ainglean’ le Sgioba Dràma Òigridh Inbhir Nis – dealbh-chluich sgrìobhte le Pauline MacLynn a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Ruairidh MacNeacail bho Eden Court Cruthachail – anns a bheil buidheann de choigrich òga a’ cruinneachadh ann an cladh airson pròiseact coimhearsnachd, rud a chuireas dragh air na h-ainglean a tha coimhead as dèidh nan uaighean.

Le taic bhon sgeama ‘Lìonra Dràma Ghàidhlig’ aig Bòrd na Gàidhlig , tha Fèisean nan Gàidheal agus Eden Court CRUTHACHAIL ag obair còmhla gus cothroman a bharrachd a thoirt do sgoilearan àrd-sgoile le Gàidhlig sgilean dràma ionnsachadh agus taisbeanaidhean dràma a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu na thèataran òigridh ann am Baile Dhubhthaich agus Inbhir Pheofharain air an làrach lìn aig Fèisean nan Gàidheal aig www.feisean.org/tog
Thuirt Kati Kozikowska, Manaidsear Phròiseactan aig Eden Court CRUTHACHAIL:
“ ‘S e latha air leth a bh’ann agus bha e mìorbhaileach a bhith faicinn an uiread dhaoine òga thàlantach a’ cur ri na sgilean cruthachail aca agus a’ cleachdadh na Gàidhlig. Bha e cuideachd math piseach fhaicinn air an fheadhainn a ghabh pàirt san Fhèis ann an 2013. Tha Eden Court CRUTHACHAIL agus Fèisean nan Gàidheal an dùil ar càirdeas a chumail a dol gus an Fhèis Thèatar Òigridh Gàidhlig seo a’ steidheachadh mar thachartas bliadhnail.”
Thòisich Aonghas MacLeòid, a tha na Oifigear Dràma Gàidhlig aig Fèisean nan Gàidheal, ag obair le TÒG Bhaile Dhubhthaich agus TÒG Inbhir Pheofharain aig deireadh a’ Ghiblein. Thuirt e: “Bha torr spòrs agam ag obair le na buidhnean a thaobh a bhith gan cuideachadh le bhith leasachadh na dealbhan-cluiche aca agus gan dèanamh deiseil airson an àrd-ùrlar. Thug an compàirteachais againn le Eden Court buannachdan a bharrachd do na buidhnean, seach gun d’fhuair iad cothrom obrachadh leis an sgrìobhadair agus bana-chleasaiche Catriona Lexy Chaimbeul agus Mike Webster bhon sgioba aig Eden Court CRUTHACHAIL, a thug sealladh luachmhòr dhaibh mun obair a tha an sàs ann a bhith taisbeanadh dealbh-chluich proifeiseanta. Bha mi gu math moiteil às an obair a rinn iad”
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun fhèis, cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid aig Fèisean nan Gàidheal air 01463 225 559 no angus@feisean.org no Kati Kozikowska, Manaidsear Phròiseactan aig Eden Court CRUTHACHAIL air 01463 239 841.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer