Monday 29th September 2014
Tha aighear air Fèis Farr fhoillseachadh gum bi sreath de thachartasan ciùil aca tro mhìosan a’ gheamhraidh is an earraich a bhios freagarrach dhan teaghlach air fad. ’S ann an Srath Narainn faisg air inbhir Nis a tha an fhèis stèidhichte is iad a’ tairgse ceithir thachartasan uile gu lèir le bùthan-obrach ciùil, ealain is spòrs le gnìomhan a bharrachd a dh’ aona-ghnothach dhan fheadhainn bheaga.
’S ann air feasgar Didòmhnaich 5mh den Dàmhair a bhios a’ chiad tachartas den t-sreath seo eadar 2 is 4f ann an Talla Coimhearsnachd Farr. Tha iomadh seòrsa cuspair air a thairgse mar a leanas: fidheall, giotàr, fìdeag, feadan, òrain Ghàidhlig, ealain agus – airson a’ chiad triop aig an fhèis seo – iomain. ’S ann air cloinn 8 bliadhna a dh’ aois no nas sinne a tha na bùthan-obrach seo ag amas is fàilte chridheil ro phàrantan pàirt a ghabhail cuideachd. Aig a’ cheart àm bidh an Fhèis Bheag freagarrach do chloinn bheaga le geamanan, pupaidean is ealain. Bheir cèilidh bheag neo-fhoirmeil an latha gu ceann le tì, cofaidh is beicearachd ri fhaotainn cuideachd.
Airson an tachartais seo chan fheumar clàradh ro-làimh is cosgaidh e £4 dhan chiad neach san teaghlach is £2 do bhuill sam bith eile. Bidh trì tachartasan eile dha leithid a’ dol Disathairne 22 den t-Samhainn, Disathairne 31 den Fhaoilleach agus Disathairne 14 den Mhàrt 2015, uile eadar 2 is 4f.
Gheibhear barrachd fiosrachaidh an seo no cuiribh fios gu Raonaid air 01463 225559 / rachel@feisean.org.