Wednesday 3rd December 2014
Bidh Meanbh-chuileag a’ tadhal air sgoiltean agus ionadan-taisbeanaidh poblach air feadh Alba eadar 1 agus 12 Dùbhlachd le Peigi agus a’ Bhreisleach Bhuan – panto ùr a chaidh a sgrìobhadh airson Nollaig 2014. Bidh a’ bhuidheann a’ tabhann dràma-oideachaidh tron t-seirbhis Fèisgoil aig Fèisean nan Gàidheal.
Cluinninidh clann bheaga is mòra mu Pheigi, bana-phrionnsa òg nach eil idir an dùil pòsadh gus an tig fear car èireachdail na rathad, agus Màiri, a piuthar, nach eil idir cho laghach is a tha a’ feuchainn ri bràmar a lorg dhi fhèin. Tha tòrr fealla-dhà is amaideas an lùib a’ phanto seo, a chaidh a sgrìobhadh le Aonghas Macleòid agus Dougie Beck, oifigearan dràma Fèisean nan Gàidheal.
Bidh Fèisean nan Gàidheal a’ ruith na Sgoile Samhraidh Dràma, pròiseact a bhios a’ toirt cothrom gach bliadhna do chleasaichean òga le Gàidhlig gleans a chur air na sgilean dràma aca le taic bho na h-eòlaichean dràma as fheàrr a th’ ann. Tha a’ bhuidheann air leth toilichte am-bliadhna gu bheil dithis ann an sgioba a’ phanto a bha a’ frithealadh na Sgoile Samhraidh o chionn beagan bhliadhnaichean – Catrìona NicIlleMhòire agus Catrìona NicNeacail.
Mar a thuirt Dougie Beck, a tha an ceann na Sgoile Samhraidh agus a tha e fhèin air a bhith an sàs ann an dealbhan-cluiche Nollaig na buidhne bho chaidh a stèidheachadh ann an 2002: “Tha a’ chuibhle a-nise air a dhol mun cuairt ann an dòigh; nuair a chaidh Iomairt nan Sgoiltean Samhraidh Dràma ath-bheothachadh leinn ann an 2008 bha e mar amas dhuinn gum biodh sinn a’ leudachadh na h-àireimh de chleasaichean a bha ag obair ann an dràma na Gàidhlig. Tha sinn air leth toilichte gu bheil an dithis Catrìona còmhla rinn am-bliadhna. Tha iad a’ cur gu mòr ris an dealbh-cluiche, agus tha sinn a’ dèanamh fiughar ri barrachd obrach a dhèanamh còmhla riutha, agus le seann chom-pàirtichean eile, san àm ri teachd.”
An sàs cuideachd ann an sgioba a’ phanto tha Aonghas Macleòid agus Daibhidh Walker. Ged as e seo a’ chiad turas ann an iomadach bliadhna a tha Daibhidh air a bhith an lùib panto Gàidhlig, tha e air an t-uabhas obrach a dhèanamh le Fèisean nan Gàidheal, eadar cleasachd is teagasg aig an Sgoil Shamhraidh Dhràma.
Mar a thuirt Calum Ailig Mac a’ Mhaolain, Manaidsear Leasachaidh na buidhne: “Tha sinn air ceanglaichean làidir a dhèanamh le cuid de na cleasaichean Gàidhlig as fheàrr a th’ againn ann an saoghal na Gàidhlig, is tha sinn glan air ar dòigh gu bheil Daibhidh còmhla rinn air a’ chuairt seo. Chan e a-mhàin gun cuir e gu mòr ris an dealbh-cluiche seo a thaobh cleasachd, ach tha e cuideachd air a bhith air leth feumail a thaobh puingean stiùiridh ‘s a’ bhuidheann a’ dèanamh deiseil.”
A bharrachd air taisbeanaidhean sgoile, bidh an sgioba a’ toirt cothrom don phoball thighinn a dh’fhaicinn a’ phanto ann an Glaschu Disathairne 6 Dùbhlachd aig 2.00f ann an Aitreabh Oileanach na Bànrigh Maighread agus aig Ionad a’ Spectrum, Inbhir Nis Dihaoine 12 Dùbhlachd aig 7.30f. Tha an taisbeanadh poblach ann an Glaschu ga ruith ann an co-bhonn leis an Lòchran.
Gheibhear gu h-ìseal cinn-latha nan taisbeanaidhean sgoiltean.
1 Dùbhlachd – An Gearasdan agus Malaig
2 Dùbhlachd – An t-Òban agus Dùn Omhain
3 Dùbhlachd – Cille Brìghde an Ear
4 Dùbhlachd – Condobhrait agus Dùn Èideann
5 Dùbhlachd – Glaschu
6 Dùbhlachd – Taisebanadh poblach, Glaschu
8 Dùbhlachd – Inbhir Nis
9 Dùbhlachd – Eilean Leòdhas
10 Dùbhlachd – An t-Eilean Sgitheanach
11 Dùbhlachd – Baile Dhubhthaich
12 Dùbhlachd – Taisbeanadh Poblach Inbhir Nis