ceòl nam fèis 2015 aig celtic connections

Wednesday 4th February 2015

Air Disathairne 24 Faoilleach fhuair còrr is 100 neach-ogà bho Fèisean air feadh Alba cothrom cluiche aig an fhèis chliùiteach Celtic Connections. ‘S e an fhèis gheamhraidh as motha den t-seòrsa a th’ ann, le còrr air 2,000 neach a’ gabhail pàirt ann an 300 tachartasan air feadh baile Ghlaschu eadar 15 Faoilleach gu 1 Gearran.

Air prògram na bliadhnasa airson a’ chiad uair bha Ceòl nam Fèis, a’ toirt blasad den tàlant òga a tha frithealadh na Fèisean Ionadail gu Talla Rioghail Ghlaschu far an do nochd 500 de luchd-èisteachd airson oràin grinn is ceòl tràidseanta beòthail a’ chluintinn.

‘S e cothrom air leth a bh’ ann dha na com-pàirtichean a bhith air àrd-urlar a tha tric a taisbeanadh cuid dha na luchd ciùil as fheàrr air an t-saoghail ‘s gu dearbha bha iad gu math comhfhurtail agus airidh air.

Tha sinn gu mòr an comain comataidhean na Fèisean ionadail agus pàrantan a tha ag obair gu cruaidh rè na bliadhna a bhith a’ cur air dòigh tachartasan agus a bhith a’ ruith air ais ‘s air adhart le ‘n cuid chloinne. Tha sinn cuideachd taingeil do Aonghas MacCoinnich agus Murchadh Camhsron a bha nan stiùirichean ciùil air Ceòl nam Fèis 2014/15 a toirt na h-òrain agus na seataichean puirt ri cheile airson na tri cuirmean anns an robh am buidheann an-sàs: Blas 2014, Na Duaisean Ciùil Traidiseanta 2014 agus mu dheireadh Celtic Connections 2015.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer