stòras nan ealan traidiseanta

Monday 11th May 2015

Chaidh stòras ùr a chruthachadh a bhios a’ tairgse thabhartasan luach suas gu £1,000 do bhuidhnean agus luchd-ealain a tha an sàs anns na h-Ealain Traidiseanta an Alba.

Tha an stòras – Tasgadh – air a leigeil a-mach bho Alba Chruthachail, agus bidh e fo stiùir Fèisean nan Gàidheal. Gheibhear taic bhon stòras airson cuideachadh a thabhann do luchd-ealain ag obair gu traidiseanta son a bhith a’ cruthachadh, a’ lìbhrigeadh, a’ siubhal no a’ taisbeanadh an cuid obrach. Tha taic cuideachd ri fhaotainn bhon stòras airson leasachaidhean proifeiseanta.

Thuirt Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig, agus e a’ cur fàilte air a mhisneachadh ùr bho Alba Chruthachail: “Aig an aon àm sa tha Alba Chruthachail a’ leantainn le bhith a’ cumail taic dìreach ri na h-ealain traidiseanta agus a’ dèiligeadh ri pròiseactan mòra ann an dòighean eile, tha e cudromach gu bheil slighe ann gu suimean-taice beaga a tha nas aotrama agus gan sgaoileadh nas luaithe. Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri Alba Chruthachail ann a bhith a’ tairgse leithid de thaic do cheòl traidiseanta an Alba, do dhannsa agus sgeulaichean. Tha dùil againn gum bi fèill mhòr air an stòras.”

Thuirt Brian Ó hEadhra, Oifigeach Ealain Ghàidhlig agus Cultair Alba Chruthachail: “Tha Fèisean nan Gàidheal air a bhith a’ leasachadh nan ealan traidiseanta air feadh Alba son còrr is 25 bliadhna agus ann an deagh shuidheachadh a bhith a’ lìbhrigeadh an stòrais taice seo gu h-èifeachdach. Tha fiughar againn ri deagh mheasgachadh de thagraidhean fhaighinn bho dhiofar raointean ealain nam measg ceòl, dannsa agus sgeulachdan, an dà chuid an Gàidhlig agus Albais. Bidh Alba Chruthachail dealasach ann a bhith a’ co-obrachadh le buidhnean anns an roinn seo ach am bi sinn cinnteach gum bi traidisean beòthail agus tarraingeach a’ tighinn-beò am measg ar coimhearsnachdan gu lèir, an dà chuid gu dùthchail agus anns na bailtean.”

Tha an stòras a-nis fosgailte le trì cinn-latha airson tagraidhean ann an 2015-16, a’ chiad tè dhiù sin air 3 Iuchar 2015. Gheibhear stiùireadh agus foirmean tagraidh an seo.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer