sgoil shamhraidh dhràma 2015 air fàire

Monday 1st June 2015

Chan eil ach ceala-deug air fhàgail gus foirm-tagraidh a chur a-steach gu Fèisean nan Gàidheal agus àite a ghlèidheadh aig Sgoil Shamhraidh Dhràma 2015.

Chan eil eòlas air dràma no cleasachd riatanach gus pàirt a ghabhail san Sgoil Shamhraidh ach bu chòir tagraidhean a bhith aig Fèisean nan Gàidheal ro Dhihaoine 12 Ògmhios 2015.

Fosgailte do dheugairean le Gàidhlig eadar 14 agus 18 bliadhna a dh’aois, tha an Sgoil Shamhraidh Dhràma aig Fèisean nan Gàidheal a’ toirt cothrom air leth do dheugairean le Gàidhlig a tha ag iarraidh sgilean a leasachadh gus cleasachd a dhèanamh air an àrd-ùrlair agus air beulaibh a’ chamara. Tha an Sgoil Shamhraidh maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Alba Chruthachail.

‘S e tachartas-còmhnaidh a th’ann a thèid a chumail ann am Port Rìgh aig toiseach làithean-saora an t-samhraidh eadar Diluain 6 Iuchar agus Dihaoine 17 Iuchar 2015. Anns an ùine sin gheibh compàirtichean oideachadh ann an roghainn farsaing de sgilean dràma le torr spòrs ‘s fealla-dhà na chois.

Tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte gu bheil Daibhidh Walker a’ dol a thilleadh mar stiùiriche ealain na Sgoile. Tha Daibhidh ri fhaicinn gu tric a’ cleasachd air an àrd-ùrlair ann an dealbhan-cluiche leithid ‘Sequamur’ a bh’aig Pròiseact nan Ealan am bliadhna agus ann am ‘Bannan‘ air BBC Alba. Còmhla ris san sgioba luchd-teagaisg bidh Ruairidh MacNeacail a tha na obraiche dràma Gàidhlig aig Eden Court Cruthachail ann an Inbhir Nis.

Thèid na sgilean aig na compàirtichean a thaisbeanadh air an oidhche mu dheireadh le dealbh-chluich a bhios fosgailte don mhòr-shluaigh a thèid a chumail aig Àros air Diardaoin 16 Iuchar.

A bharrachd air an dealbh-chluich, gheibh compàirtichean cothrom fiolm ghoirid a dhèanamh airson FilmG, farpais nam fiolmaichean goirid aig MG ALBA.  Anns a cho-fharpais a bh’aig FilmG an uiridh, shoiribhich leis an Sgoil Shamhraidh Dhràma leis an fhiolm a bh’aca ‘Gaol an t-Samhraidh’ a chaidh ainmeachadh anns na geàrr-liostaichean airson fiolm a b’ fheàrr agus riochdachadh a b’ fheàrr ann an roinn na h-òigridh agus fhuair Willow Iannetta a bha na compàirtiche san Sgoil moladh airson cleasachd anns an fhiolm.

Tha Fèisean nan Gàidheal gu math toilichte an tachartas còmhnaidh seo a thabhann aig £150, prìs gu math reusanta a tha toirt a-steach àite-còmhnaidh agus biadh a bharrachd air an oideachadh ‘s cur-seachadan eile a tha an cois clàr-ama na sgoile. Tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr airson gum faigheadh òigridh cothrom pàirt a ghabhail agus ma tha cosgais na thrioblaid, chuireamaid fàilte air pàrant no neach-àire còmhradh a dhèanamh le Aonghas MacLèoid a tha na Oifigear Dràma aig Fèisean nan Gàidheal airson cùisean obrachadh a-mach.

Gheibhear foirm-tagraidh air-loidhne airson SSD15 agus tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal aig www.feisean.org/ssd
 no bho Aonghas MacLeòid air angus@feisean.org no 01463 225 559.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer