na rionnagan ùra a’ deàlradh aig blas 2015

Thursday 9th July 2015

Tha measgachadh de sheòrsaichean ùra ciùil agus seann nòs na chleachdadh aig Blas agus tha fèis 2015 a’ toirt cothrom do chòmhlain a tha anns an t-sruth sin iad fhèin a chur air adhart air an àrd-ùrlair.

Am measg nan rionnagan a bhios a’ dèalradh air prògram na bliadhna seo, tha an còmhlan Hò-rò a thug an ainm bho thaobh cho sean sa th’againn de cheòl Gàidhlig – canntaireachd.

Mar chòmhlan òg agus beòthail dùthchail tha iad a’ cur an dreach fhèin air cùisean agus iad a’ measgachadh òrain bhon dà ghnè agus gan toirt còmhla, le beachdan agus smuaintean ùra stèidhichte air an t-saoghal dham boin iad fhèin agus bho bheil iad a’ togail an cuid misneachd. Tha iad a’ cleachdadh diofar staidhlichean-cluiche agus a’ tarraing bho ghrunn gnè, eadar òrain Ghàidhlig anns an t-seann nòs, stuth a dheasaich iad fhèin, ceòl Albannach agus taghadh de cheòl air am bi cuid dhen luchd-èisteachd gu math eòlach.

Bidh Hò-rò a’ cluich ann an Inbhir Nis air oidhche Shathairne, 5 Sultain, còmhla ri na còmhlan Niteworks agus Shoogentlifty. Bidh Hò-rò cuideachd a’ nochdadh ann an Inbhir Nis nas fhaide air adhart air an deireadh sheachdain, feasgar na Sàbaid, a’ tòiseachadh aig dà uair.

Boinidh an còmhlan electronica Niteworks dhan Eilean Sgitheanach. Thogadh ceathrar dhen chòmhlan ann an saoghal Gàidhealach agus am measg ceòl traidiseanta anns an Eilean Sgitheanach, agus tha iad cuideachd a’ tighinn fo bhuaidh ceòl chlubaichean Ghlaschu. Tha dùil ris a’ chiad chlàr bhon chòmhlan air a’ bhliadhna seo fhèin agus an dèidh duais a thogail mar thà aig Duaisean Ciùil Traidiseanta MG ALBA tha Niteworks a’ sìor thogail air an cuid chliù fad is farsaing.

Tha an còmhlan CherryGrove a’ toinneamh ceòl traidiseanta agus ùr is ga lìbhrigeadh ann an dòighean eireachdail agus inntinneach aig fìor àrd-ìre. Chuir iad fhèin clàr ùr a-mach an-uiridh agus an dèidh an cur air adhart mar luchd-ciùil a th’air an t-slighe aig Duaisean Ciùil Traidiseanta MG ALBA, cha bu chòir cothrom sam bith a chall a dhol gan coimhead!

Tha CherryGrove a’ nochdadh dà thuras aig Blas 2015, aig PortmoCholmaig oidhche Haoine, Sultain 11 agus an Inbhir Garadh an oidhche an dèidh sin an cuideachd Eilidh NicChoinnich, còmhla ri Anna Massie & Mairearad Green agus Fèis Lochabair.

Chaidh Fèis Blas a stèidheachadh 11 bliadhna air ais nuair a bha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh fèis a chruthachadh a bhiodh a’ cheart cho beòthail ri Fèis Celtic Colours ann an Ceap Breatann. Tha an Fhèis a-nis le ainm is cliù eadar-nàiaseanta a’ taisbeanadh cultar na Gàidhealtachd fad is farsaing, agus tha Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd le chèile air a bhith taiceil fad bhliadhnaichean agus ga moladh airson a bhith cho soirbheachail.

Bidh tachartasan gan cur air adhart aig Fèis Blas 2015 air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal eadar 4 agus 12 Sultain.  Faodar tiogaidean a cheannach son gach tachartas aig Blas 2015 air-loidhne, no tron phòn, le fiosrachadh ri fhaighinn air làrach-lìn na fèise blas-festival.com far am faighear làn-fhiosrachadh mu program na fèise.

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer