spiorad blas 2015 ga chomharrachadh le gaughan

Monday 13th July 2015

Thèid fèill mhòr a chur air fear de shàr-luchd-ciùil na h-Alba, Dick Gaughan, air a’ chiad dheireadh sheachdain de Bhlas 2015, agus cha b’ urrainn toiseach-tòiseachaidh nas fheàrr a bhith aig an fhèis, a tha a’ sgaoileadh feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal fad naoi latha, agus spiorad an duine agus spioirad na Fèise cho samhlachail.

Mar ghiotàraiche, seinneadair, sgrìobhadair-ciùil agus riochdaire chlàran, tha Dick Gaughan sònraichte seach gur e an aon neach riamh a choisinn duais Coileanadh Beatha aig Duaisean Ceòl-dùthcha Radio 2 agus a tha cuideachd a’ nochdadh ann an Talla nan Gaisgeach aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba. Chaidh a ràdh leis a chraoladair ainmeil John Peel gur e “fear de na còig no sia sàr ghuthan na ur linn” agus anns a’ Ghuardian gu bheil “am fuaim a th’ aig ceòl a tha dha-rìribh a’ tighinn bhon bhroinn.”

Tha cliù agus seasamh thar chàich air a bhith aig Dick Gaughan ann an saoghal ciùil na h-Alba son iomadh deichead, ach `s dòcha nach eil an ceangal a th’aige ri saoghal na Gàidhlig air a bhith buileach cho follaiseach. Bhoineadh a mhàthair do Lochabar. Bha Gàidhlig aice agus choisinn i, na h-òige, bonn airgid son a’ seinn sa Ghàidhlig aig a’ Mhòd.

Tha Ceann a’ Ghiùthsaich agus am Ploc fortanach gur iad a chaidh a thaghadh airson Dick Gaughan air a’ chiad dà oidhche dhen Fhèis, far am bi e am Bàideanach còmhla ris a’ chòmhlan Macanta oidhche Haoine (Sultain 4), agus an uairsin còmhla ris a’ chòmhlan aig Màiri NicAonghais anns a’ Phloc an oidhche an dèidh sin.

Tha Bring in the Spirit a’ toirt còmhla guthan gleusta is grinn Rod Paterson is Kirsten Easdale, cluiche eirmseach is ealanta Gregor Lowrey air a’ bhogsa, agus tàlantan iongantach Marc Duff, a bhios a’ cluiche iomadh inneal-ciùil. Thathar a’ gealltainn taisbeanadh dibhearsaineach is ainmeil de dh’òrain is rannan Albannach, làn blàiths is àbhachdais.

Bidh iadsan a’ nochdadh oidhche Mhàirt (Sultain 8) ann an cuideachd J. P. Cormier an Loch Carran, agus an oidhche an dèidh sin ann an Geàrrloch, an uairsin ann an Ruigh Sholais oidhche Dhiardaoin (10mh) agus mu dheireadh ann an Àrasaig oidhche Haoine, Sultain 11, faisg air deireadh na fèise.

Chaidh Fèis Blas a stèidheachadh 11 bliadhna air ais nuair a bha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh fèis a chruthachadh a bhiodh a’ cheart cho beòthail ri Fèis Celtic Colours ann an Ceap Breatann. Tha an Fhèis a-nis le ainm is cliù eadar-nàiaseanta a’ taisbeanadh cultar na Gàidhealtachd fad is farsaing, agus tha Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd le chèile air a bhith taiceil fad bhliadhnaichean agus ga moladh airson a bhith cho soirbheachail.

Bidh tachartasan gan cur air adhart aig Fèis Blas 2015 air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal eadar 4 agus 12 Sultain.

Faodar tiogaidean a cheannach son gach tachartas aig Blas 2015 air-loidhne, no air fòn, le fiosrachadh ri fhaighinn air làrach-lìn na fèise far am faighear làn-fhiosrachadh mu program na fèise.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer