a’ luaidh anna latharna nicghilliosa aig 70

Monday 20th July 2015

Thèid cuirm shònraichte a chumail aig Blas 2015 mar chomharradh air soirbheachas tè de phrìomh bhana-sheinneadairean agus luchd-ciùil na dùthcha, Anna Latharna NicGhilliosa, agus i 70 bliadhna a dh’aois.

Bidh “Moladh Anna” ga chumail ann an Cathair na h-Eaglaise ann an Inbhir Nis air Oidhche Fosglaidh na Fèise, Dihaoine, 4 Sultain. Tha Anna a-nis air a bhith air an àrd-ùrlar fad chòrr is 50 bliadhna agus i a’ seinn eadar saoghal clasaigeach agus an oideachadh a fhuair i an sin, agus an t-eòlas air leth a fhuair i am bogadh ann an saoghal agus traidisean na Gàidhlig. Shiubhail i an saoghal bhon uair sin a’ nochdadh air telebhisean cuideachd còmhla ri cuid mhòr de shàr sheinneadairean agus luchd-ciùil dùthchail na h-Alba agus Èireann. A bharrachd air na rinn i air an àrd-ùrlar, tha Anna cuideachd air sàr chliù a bhuinnig dhith fhèin mar eòlaiche foghlaim agus sgriobhadair, agus chaidh a h-ainmeachadh le Riaghaltas na h-Alba mar Thosgaire na Gàidhlig son na bliadhna 2009-10.

Tha àite air leth aig Inbhir Nis ann an eachdraidh Anna mar sheinneadair, eadar a bhith aig cuirmean MhicPhàidein ann an Talla an Aodainn, cuirmean eadar-nàiseanta agus cèilidhean, agus fiùs a’ nochdadh ann am Panto Nollaige mar Mhàthair na Geadh!

Tha cuirm a’ latha-breith – Moladh Anna – a’ toirt cothrom do fh’Fhèis Blas na rinneadh le Anna eadar ceòl agus seinn a chomharrachadh agus tha i gu bhith a’ nochdadh aig Cathair-Eaglaise a bhaile, agus i fhèin a’cur fàilte air an fhèis son a’ chiad turas.

Chan ann tric a bhios Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig, a’ nochdadh aig an fhèis air an àrd-ùrlar ach tha e gu bhith ann aig a’ chuirm seo. Thuirt Art: “Tha sinn air leth toilichte cothrom a ghabhail aig Blas 2015 luaidh a dhèanamh air na rinneadh le Anna mar bhana-sheinneadair. Chan eil cus ann a chuir uibhir às an dèidh thar gach taobh de cheòl na Gàidhlig, agus a tha air a bhith cho dìchiollach na h-oidhirpean foghlam Gàidhlig a thoirt air adhart, na taic do na Cròileagain anns na 1980-an, agus a h-obair anns an t-saoghal acadeimigeach air foghlam Gàidhlig. Tha sin uile gun ghuth air a’ chruinneachadh eireachdail a chuir i an clò ‘Òrain Ghàidhlig na h-Alba’ a bu chòir a bhith an làmhan neach sam bith aig a bheil ùidh anns na h-òrain sin. Mar as trice, tha sinn a’ luaidh dhaoine nuair a tha iad air a dhol à sealladh, ach tha sinne air leth toilichte an cothrom seo a ghabhail agus a bhith na làthaireachd agus a guth agus a cuid-obrach aig an aon àirde agus ìre fhathast.”

Thuirt Anna fhèin: “Bha e air a bhith do-dhèanta a h-uile neach a th’air a bhith ag obair còmhla rium thar nam bliadhnaichean a thoirt còmhla, ach tha an fheadhainn a tha a’ cruinneachadh ainmeil agus sònraichte nan dòighean fhèin, nam measg Art MacCarmaig, Kathleen NicAonghais, agus fear a bhoineas do dh’Inbhirnis agus a tha glè chàirdeach dhomh fhèin, Aonghas MacLeòid. Tha mi air leth toilichte gu bheil an dithis nighean agam fhèin, Marsaili agus Raghnaid, gu bhith còmhla rium bho Sarajevo agus Sasann agus an luchd-ciùil eile, Ailean Kitchen air a’ phiano, Duncan Findlay le guitar, Archie MacAlasdair air an fhidhill agus Iain Sampson, uile nan sàr luchd-ciùil. Bidh pìobaire (no dha) ann cuideachd, agus tè a tha na fìor dheagh charaid agam, Rhona NicAoidh air a’ chlàrsaich.”

Bu chòir gur e oidhche air leth a bhios seo, agus Anna a’ comharrachadh a saoghal ciùil aig àrd-ìre bho puirt a beul gu opera, bhon chruinneachadh eireachdail aice fhèin de dh’òrain Ghàidhlig gu stòras prìseil pearsanta de sgeulachdan agus eachdraidh thachartasan agus daoine ris an do choinnich i, agus còmhla ris an robh i ag obair thar nam bliadhnaichean.

Bidh Moladh Anna ga chumail ann an Cathair-Eaglaise Inbhir Nis Oidhche Haoine, Sultain 4, Oidhche Fosglaidh na Fèise, aig 7.30 feasgar.

Chaidh Fèis Blas a stèidheachadh 11 bliadhna air ais nuair a bha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh fèis a chruthachadh a bhiodh a’ cheart cho beòthail ri Fèis Celtic Colours ann an Ceap Breatann. Tha an Fhèis a-nis le ainm is cliù eadar-nàiaseanta a’ taisbeanadh cultar na Gàidhealtachd fad is farsaing, agus tha Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd le chèile air a bhith taiceil fad bhliadhnaichean agus ga moladh airson a bhith cho soirbheachail.

Bidh tachartasan gan cur air adhart aig Fèis Blas 2015 air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal eadar 4 agus 12 Sultain.

Faodar tiogaidean a cheannach son gach tachartas aig Blas 2015 air-loidhne, no tron phòn, le fiosrachadh ri fhaighinn air làrach-lìn na fèise blas-festival.com far am faighear làn-fhiosrachadh mu program na fèise.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer