ceòl is dannsa le fèis lannraig a tuath

Thursday 30th July 2015

‘S e buidheann shaor-thoileach a th’ ann am Fèis Lannraig a Tuath is iad a’ cruthachadh chothroman do dh’ òigridh gus sgilean a leasachadh ann an ceòl is cànan nan Gàidheal. Anns an Lùnasdal cuiridh iad fàilte air barrachd is 40 òganach chun na fèise bliadhnail aca anns an Àrd-Ruigh.

Thairis air ceithir làithean eadar Dimàirt 4mh agus Dihaoine 7mh den Lùnasdal gabhaidh clann eadar 5 is 18 bliadhna a dh’ aois pàirt ann an caochladh seòrsa bùth-obrach, nam measg seinn, bogsa-ciùil, giotàr, clàrsach, dannsa Gàidhealach, ealain, dràma agus spòrs. ’S ann tro mheadhan na Gàidhlig a bhios a’ mhòrchuid dhen teagasg ach tha an fhèis a’ cur fàilte chridheil air clann aig nach eil a’ chànan a thighinn dhan fhèis gus pàirt a ghabhail.

’S ann an Eaglais Flowerhill air Rathad Hallcraig a chumar an fhèis le clasaichean a’ dol eadar 10m agus 3f gach latha. Tha na cìsean stèidhichte aig ìre gu math reusanta aig £30 gach neach airson nan ceithir latha air fad, a’ lùghdachadh gu £25 dhan dàrna neach san aon teaghlach agus a-rithist gu £20 dhan treasamh neach. Thèid clann a bharrachd bhon aon teaghlach a leigeadh a-staigh saor ’s an asgaidh.

A bharrachd air na clasaichean seo bidh ‘Fèis Bheag’ a’ toirt blasad dhen fhealla-dhà dhan fheadhainn bheaga eadar 2 is 5 bliadhna a dh’ aois. ’S ann air madainn Diciadain is madainn Diardaoin a-mhàin a bhios na seiseanan seo a’ ruith is iad a’ dol eadar 10m agus 3f ann an Eaglais Flowerhill. Cosgaidh na seiseanan seo £5 gach pàiste.

An uairsin aig deireadh na seachdain thig a h-uile duine cruinn còmhla feasgar Dihaoine airson consart neo-fhoirmeil far am faigh a’ chlann cothrom an sgilean ùra a shealltainn dham pàrantan.

Tha àite no dhà air fhàgail fhathast aig an dà chuid a’ phrìomh fhèis agus aig an Fhèis Bhig. Airson barrachd fiosrachaidh no airson àite a ghleidheadh cuiribh fios gu Elaine Spence air 01236 608 848 no elaine0810@hotmail.com. Gheibhear barrachd a-mach mun fhèis an seo.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer