subhachas is soirbheachas aig fèis phàislig

Friday 31st July 2015

Tha Fèis Phàislig, na bhuidhinn ùir a tha a’ cruthachadh chothroman anns na h-ealain traidiseanta do dh’ òigridh Shiorrachd Rinn Friù, a’ dèanamh gàirdeachais ri soirbheachas a’ chiad tachartas samhraidh aca ann am Pàislig.

Chumadh a’ chiad fhèis aca an t-seachdain-sa chaidh ann am Pàislig le faisg air 60 òganach an làthair a’ faighinn oideachais ann an caochladh cuspair. Am measg na bha air thairgse bha an fhidheall, bogsa-ciùil, feadan, a’ phìob, dràma, giotàr agus òrain Ghàidhlig. Bha iomadh rud eile a’ dol cuideachd leithid gheamannan Gàidhlig, ealain agus cèilidh leis an luchd-oide. A bharrachd air seo bha a’ bhuidheann Cèilidh air Chuairt aig Fèis Fhoirt a-staigh gus cuirm-ciùil sònraichte a thoirt seachad, agus thàinig sgioba ‘Aileag’ bho Radio nan Gàidheal a-staigh a chèilidh air an fhèis.  Cluinnear am prògram an seo. Aig deireadh na seachdain an uairsin thug consart neo-fhoirmeil cothrom dhan chloinn a dhol air an àrd-ùrlar gus an sgilean ùra a shealltainn dha sluagh mhòr phàrantan.

Thuirt cathraiche Fèis Phàislig Grant Mac a’ Phàrlain:
‘Tha an t-uabhas de dh’ obair air a dhol a-staigh dhan tachartas seo agus tha sinn air leth toilichte an fhèis fhaicinn is a’ dol cho math le uimhir a thaic bho phàrantan nan compàirtichean. Tha ceithir latha air leth air a bhith aig a’ chloinn agus tha e dìreach iongantach an t-adhartas a tha iad air dèanamh anns an ùine sin. Tha sinn fada an comainn a h-uile duine a thug taic dhuinn, agus tha fiughair oirnn mar-thà ris an ath bhliadhna!’

An ath-bhliadhna ’s ann a bhios Fèis Phàislig a’ dol fad còig latha seach ceithir eadar an 18mh agus an 22 den Iuchar 2016. San eadar-àm gheibhear barrachd a-mach mun fhèis agus chithear a h-uile naidheachd aca aig www.feisphaislig.com no air Facebook.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer