màiri nicaonghais a’ tilleadh gu blas 2015

Monday 3rd August 2015

Còrr is deich bliadhna bhon sgaoil an seinneadair Gàidhlig Màiri NicAonghais an clàr mu dheireadh aice – ‘Orosay’ – a fhuair moladh mòr, tha Màiri, a rugadh is a thogadh ann an Uibhist a Deas, gu bhith a’ nochadh aig Blas 2015. Agus bidh fàilte bhlàth roimhpe.

Anns an eadar ama aig deireadh nan deich bliadhna sin, am-bliadhna fhèin, chuir i a-mach clàr eile – ‘Gràs’ – agus bha luchd-èisteachd air a bhith dèanamh fiughair mhòr ris. Tha cliù aig Màiri airson ceangal faireachail a dhèanamh an dà chuid leis an stuth aice agus leis an luchd-èisteachd.

Bidh Màiri agus a còmhlan a’ nochdadh an toiseach aig Drochaid Ruaidh, oidhche Haoine Sultain 4 agus Blas 2015 ga fosgladh, agus nan cuideachd bidh Cèilidh air Chuairt Fèis Loch Abar. An oidhche an dèidh sin, bidh an còmhlan air imrich chun taobh an iar dhan Phloc far am bi iad air an àrd-ùrlar còmhla fear de na seinneadairean as cliùitiche a th’ againn, Dick Gaughan. An uair sin, oidhche Dhòmhnaich, Sultain 6, bidh iad a’ tighinn còmhla ri fìòr chruinneachadh agus nam measg-san bidh Còisir iomraiteach Inbhir Nis, aig an tachartas Àrd-mholadh Ceilteach.

Am measg nam buaidhean as tarraingiche a tha an guth Mhàiri tha cho eireachdail agus cho glan sa tha e. Tha i a’ nochdadh tric is minig air telebhisean agus rèidio Gàidhlig, agus ùidh mhòr aig an luchd-amhairc ann an guth Mhàiri agus a dòigh sa ceangal riutha fhèin.

`S dòcha gur e barail cho math sa th’ ann air a cuid sgilean agus tarraingeachd gu bheil a taobh ris a’ Ghàidhlig “nàdarra agus seasmhach; a rùn a bhith a’ sgaoileadh agus a’ co-roinn àilleachd a cainnt mhàtharail air a bhith follaiseach fad a saoghal air an àrd-ùrlar.” Ann an 1982 choisinn i am Bonn Òr aig a’ Mhòd Nàiseanta, agus aig an àm, bha i cho òg ri neach sam bith a bh’ air a bhuinnig. B’ e sin a’ chiad oidhirp aig Màiri air a leithid agus a’ bhliadhna an dèidh sin, ghabh i ceum eile a bha gu math cudromach agus eachdraidheil, nuair a bhuinnig i aig an Fhèis Cheilteach ann an Cill Àirne.

Mus do dh’fhoillsich i a’ chiad chlàr aice, bha Màiri air a bhith ag obair còmhla ris a’ chòmhlan Runrig. Chaidh ‘Causeway’ a chur a-mach ann an 1989 agus chaidh moladh mòr a dhènamh air. Cha robh e fada an uair sin gus an robh fèill mhòr oirre aig cuirmean is eile, agus chaidh i còmhla ris a’ bhuidheann dannsa Mouth Music, a’ siubhal a ruige nan Stàitean Aonaichte agus Canada.

Chanadh a’ mhòr-chuid gur e “Is Gàidheal Mì” an obair as ainmeile agus as fheàrr aig Màiri. Chaidh eadar-theangachadh an dà chuid Gàidhlig agus Cuimris a dhèanamh agus chaidh a chlàradh le Coisir Fhireannach Llangwm air a chlàr aca Ysbyrd Y Gael. Sheinn I còmhla ris a’ chòmhlan agus Orchestra Philharmonic na Cuimrigh aig a’ BhBC ann an Talla Naoimh Daibhidh an Cardiff airson cuirm shònraichte air Latha an Naoimh Valentine son a’ BhBC air rèido agus telebhisean. Chaidh a chlàradh aon uair eile cuide ri Còisir Ghàidhlig Ghlaschu airson a’ chlàir eireachdail Na Boireannaich – ‘Ar Cànan ’s ar Ceòl’. Chaidh an t-òran ainmeachadh le Robbie Shepherd mar a roghainn fhèin de dh’òran na bliadhna air a’ program Reel Blend air BBC Radio Alba.

Chaidh Fèis Blas a stèidheachadh 11 bliadhna air ais nuair a bha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh fèis a chruthachadh a bhiodh a’ cheart cho beòthail ri Fèis Celtic Colours ann an Ceap Breatann. Tha an Fhèis a-nis le ainm is cliù eadar-nàiaseanta a’ taisbeanadh cultar na Gàidhealtachd fad is farsaing, agus tha Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd le chèile air a bhith taiceil fad bhliadhnaichean agus ga moladh airson a bhith cho soirbheachail.

Bidh tachartasan gan cur air adhart aig Fèis Blas 2015 air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal eadar 4 agus 12 Sultain.

Faodar tiogaidean a cheannach son gach tachartas aig Blas 2015 air-loidhne, no tron phòn, le fiosrachadh ri fhaighinn air làrach-lìn na fèise far am faighear làn-fhiosrachadh mu program na fèise.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer