farum air na bùird aig luchd-dannsa bhlas

Wednesday 19th August 2015

Bidh cothroman gu leòr ann a bhith a’ farum air na bùird ged nach bi ’s dòcha dannsa air an rathad aig Blas 2015, le trì cèilidhean aig am bi cuid de na còmhlain dannsa as fheàrr an Alba a’ cumail a’ chiùil ris a’ chuideachd agus sàr luchd-ciùil eile.

Tha a’ chiad chèilidh air deireadh sheachdain fosglaidh na fèise (Disathairne Sultain 5) ann an Inbhir Pheofharain far am bi Cèilidh air Chuairt Fèis Rois còmhla ri Rona Lightfoot, Ali Levack, Innes White agus gu leòr a bharrachd. Chan eil fèis eile a measg an 44 a th’ann a tha cho mòr is làidir, agus tha Fèis Rois air a bhith adhartach anns a h-uile dòigh fad bhliadhnaichean, a’ misneachadh agus a’ toirt air adhart òigridh ann an Siorrachd Rois agus nas fhaide air falbh tro phrògram choitcheann gach bliadhna a tha a’ gabhail a-staigh trì Fèisean, clasaichean agus bùithtean-obrach, Cèilidhean air Chuairt agus obair ann an sgoiltean tron Iomairt Chiùil Òigridh.

Tha iomadach roghainn mu choinneimh luchd nan cèilidhean seachdain an dèidh sin, air an deireadh sheachdain mu dheireadh dhen Fhèis, oidhche Haoine, Sultain 11, nuair a bhios Cathy Ann Nic a’ Phì, Ruaraidh MacCarmaig, a bhuinnig Bonn Òr an t-Seann Nòis aig a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta, Còisir Ghàidhlig an t-Sratha, agus Còmhlan Ciùil Dannsa Raibeart Nairn a’ cur chasan gu dol agus farum air na bùird.

Boinidh an còmhlan Dannsa aig Raibeart Nairn do dh’Iar Thuath Earra-Ghàidheal agus tha an cuid-ciùil a’ gabhail a-staigh traidiseanan na pìoba, Gàidhlig agus dannsa bhon sgìre aca fhèin agus a’ Ghàidhealtachd gu lèir. Le bocsa-putain air an ceann, tha an còmhlan air an duais son “Còmhlan Dannsa na Bliadhna” a bhuinnig aig Duaisean Trads MG ALBA ann an 2011 agus tha iad air nochdadh air a’ phrògram ciùil ainmeil ‘Take the Floor’ air BBC na h-Alba ceithir tursan bho 2011.

Chan eil cus de leithid Chathy Ann Nic a’ Phì againn ann an saoghal na Gàidhlig mar bhana-sheinneadair agus riochdaire ar traidiseanan. Rugadh is thogadh i ann am Barraigh agus bha i am bogadh ann an cànan agus cultar a teaghlaich fad a beatha an sin. Tha i nis a’ fuireach ann an Canada, agus gu math tric a’ seinn is a’ teagasg fad is farsaing air feadh Chinn a Tuath Ameireigaidh agus anns an Roinn Eòrpa far a bheil i a’ snìomh iomadach pàtaran tarraingeach air a beatha agus saoghal na Gàidhlig.

Nas fhaide gu tuath ann an Srathaidh, bidh Fergie Dòmhnallach agus a chòmhlan, còmhla ri Huradal agus Fèis Air an Oir a’ cumail a’ chiùil ris an luchd-dannsa. Tha luchd-leantainn Blas gu math eòlach air Fergie, a tha a measg an fheadhainn a tha a’ comharrachadh cinn-latha iomraiteach aig fèis na bliadhna seo. Tha nis 60 bliadhna bho thòisich Fergie a’ cluich le còmhlan ann an 1955, agus tha gu leòr dhen bharail gur e a thug ceòl dannsa nan cèilidhean gu aire a’ mhòr-shluaigh, an dèidh a bhith a’ cluich air rèidio, telebhisean agus e air 35 clàr a chur às a dhèidh.

Ann an 2014, chaidh an t-òran a sgrìobh Fergie, “The Shinty Referee” gu àireamh 1 ann an clàr iTunes an t-Saoghail, a’ chiad uair a fhuair neach-ciùil traidiseanta à Alba gu leithid a dhèanamh.

Tha ceathrar luchd-ciùil traidiseanta agus dannsairean òga air tighinn còmhla mar Huradal ann am buidheann bheothail a tha gu h-acfhainneach a’ lìbhrigeadh nan ceanglan ruitheam eadar puirt-à-beul agus dannsa ceum. Còmhla ris an luchd-dannsa Sophie Stephenson agus Mairi Britton bidh Eilidh Rothach, a bhuinnig am Bonn Òr i fhèin, air a’ chlàrsaich agus a’ seinn, agus Robbie Greig air an fhidhill agus le guitar.

Chaidh Fèis Blas a stèidheachadh 11 bliadhna air ais nuair a bha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh fèis a chruthachadh a bhiodh a’ cheart cho beòthail ri Fèis Celtic Colours ann an Ceap Breatann. Tha an Fhèis a-nis le ainm is cliù eadar-nàiaseanta a’ taisbeanadh cultar na Gàidhealtachd fad is farsaing, agus tha Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd le chèile air a bhith taiceil fad bhliadhnaichean agus ga moladh airson a bhith cho soirbheachail.

Bidh tachartasan gan cur air adhart aig Fèis Blas 2015 air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal eadar 4 agus 12 Sultain.

Faodar tiogaidean a cheannach son gach tachartas aig Blas 2015 air-loidhne, no tron phòn, le fiosrachadh ri fhaighinn air làrach-lìn na fèise far am faighear làn-fhiosrachadh mu program na fèise.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer