buidheann ailein kelly aig baile son blas

Wednesday 26th August 2015

Bidh an còmhlan cumhachdach agus ainmeil traidiseanta Èireannach, The Alan Kelly Gang, ag ùrachadh a cheangal aca le tè de shàr-sheinneadairean na h-Alba Eddi Reader (a chleachd a bhith ann am Fairground Attraction) agus an sgrìobhaiche is cluicheadair guitar aig Trashcan Sinatra, John Douglas, a chur cuid de chuirmean Blas 2015 fon casan.

Tron fhèis, bidh iad cuideachd còmhla ri sàr bhana-sheinneadair bho shaoghal na Gàidhlig, Maighread Stiùbhart, agus a bharrachd air sin, nuair a nochdas iad aig deireadh na fèise J P Cormier à Canada.

Tha Buidheann Ailein Kelly aithnichte mar tè de na buidhnean as cliùitiche traidseanta ann an Èireann san latha th’ann. Tha greis a nis bhon a bha Ailean Kelly fhèin air a chomharrachadh mar mhaestro air a’ bhocsa piàna. Thuirt an iris “Irish Voice” à New York mu dheidhinn gu robh e “an co-bhuinn ri na cluicheadairean as fheàrr anns an t-saoghal air a bhocsa piàna”. Tha deisealachadh ciùil na Buidhne barraichte feadh an t-saoghail, agus an luchd-ciùil fhèin fa-leth, agus ged a tha na freumhan aca gu làidir an traidisean na h-Èireann, tha an còmhlan a’ fighe sin gu siùbhlach le buaidhean ciùil Galicia, bhon Bhreatann Bhig, Alba agus Ameireaga. Ann an Sultain 2011, dh’fhoillsich a’ bhuidheann a’ chiad chlàr oifigeil aca fon ainm Small Towns and Famous Nights agus am bliadhna fhèin tha an dàrna clàr air nochdadh – The Last Bell – le fèill mhòr air.

Bidh a’ Bhuidheann a’ nochdadh an toiseach aig Blas 2015 ann an Inbhir Narann air Diardaoin, Sultain 10, am meadhan na fèise agus an uairsin tha iad a’ gluasad gu Srath Pheofhair an ath oidhche, Dihaoine an 11mh.

Air an dà oidhche tha Maighread Stiùbhart à Leòdhas co-ionann riutha air a’ phrògram agus na cuideachd mar thriùir bidh dithis eile a tha fìor ainmeil an saoghal ciùil na Gàidhlig, am pìobaire Aonghas MacNeacail às an Eilean Sgitheanach agus air a’ chlàrsaich Ingrid NicEanruig a bhoineas do Lochabar. Tha iad uile ainmeil air an ceann fhèin agus am measg an luchd-ciùil agus seinneadairean Gàidhlig a th’againn an Alba.

Bidh J P Cormier an uair sin a’ tighinn còmhla ris a’ Bhuidhinn agus Eddi Reader agus John Douglas airson crìoch buileach àraid a chur air oidhche mhòr air latha crìochnachaidh na fèise, Disathairne, Sultain 12.

Chaidh Fèis Blas a stèidheachadh 11 bliadhna air ais nuair a bha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh fèis a chruthachadh a bhiodh a’ cheart cho beòthail ri Fèis Celtic Colours ann an Ceap Breatann. Tha an Fhèis a-nis le ainm is cliù eadar-nàiaseanta a’ taisbeanadh cultar na Gàidhealtachd fad is farsaing, agus tha Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd le chèile air a bhith taiceil fad bhliadhnaichean agus ga moladh airson a bhith cho soirbheachail.

Bidh tachartasan gan cur air adhart aig Fèis Blas 2015 air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal eadar 4 agus 12 Sultain.

Faodar tiogaidean a cheannach son gach tachartas aig Blas 2015 air-loidhne, no tron phòn, le fiosrachadh ri fhaighinn air làrach-lìn na fèise far am faighear làn-fhiosrachadh mu program na fèise.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer