pìoba na manchainn a’ tilleadh gu blas 2015

Tuesday 1st September 2015

Cola-deug ro làtha mòr na camanachd, am bliadhna anns an Òban, agus sgioba bho sgìre na h-Àirde faisg air Inbhir Nis anns a’ ghèam mhòr airson a’ chiad uair ann an còrr is 60 bliadhna, thèid pìob mhòr eachdraidheil a chaidh a chaomhnadh anns a’ Chiad Chogadh, agus a th’air a bhith air feadh an t-saoghail bhon uairsin, a sheinn mar chuimhneachan air Curaidhean na Camanachd aig Blas 2015.

Tha Curaidhean na Camanachd, air an robh fèill mhòr anns gach àite, air a bhith a’ siubhal na Gàidhealtachd aig diofar Fhèisean thar bliadhna no dha a nis, ach ’s iongantach gu robh oidhche cho drùidhteach ann ri mar tha a’ dol a thachairt anns a’ Mhanachainn nuair a thèid pìob MhicPheadrais a sheinn anns a’ bhaile bhon do dh’fhalbh cuid de sheòid na Gàidhealtachd gu Blàr Festubert 100 bliadhna air ais. Agus a nis tha a’ phìob a’ tilleadh dhachaigh.

A’ lìbhrigeadh chùisean bidh Uisdean MacIllInnein, agus a’ stiùireadh a’ chiùil bidh Gary Innes a bha na sgiobair air sgioba chamanachd Alba agus a’ Ghearasdain agus a tha nis anns a’ chòmhlan Mànran. Còmhla riutha bidh sàr-phìobaire Dunnchadh MacIlleBhrath aig a bheil ceangal gu math pearsanta ri teaghlagh MhicPheadrais agus a’ phìob, Linda NicLeòid, Ailean MacEanruig agus Iain MacFàrlain.

Thuirt Ùisdean: “Tha e iongantach mar a chaidh fèill a chuir air a’ chuirm agus na sgeulachdan againn anns gach àite agus sinn a’ luaidh nan gaisgeach bho dhiofar sgìrean anns an robh camanachd cho cudromach, a’ tarraing gach ceangal eadar ceòl, òrain agus camanachd tro eachdraidh a’ Chogaidh Mhòir gu sònraichte. Tha sinn air leth toilichte ged tha a bhith a’ tilleadh chun na Manachainn air ceann-latha a tha cho sònraichte, is 100 bliadhna ann bhon chaidh am Blàr uamhasach sin a chur aig Festubert. Chaill dithis bhràthairean MhicPheadrais am beatha anns a’ bhlàr sin agus iomadach gaisgeach Gàidhealach eile agus `s e sgeulachd air leth a th’ann a bhith ag innse mun phìob a tha a’ tilleadh, agus cuideachd a bhith ag èisteachd ri Dunnchadh gan seinn. Cha bhi neach san èisdeachd nach tuig cò air a tha sinn a-mach. Bidh barrachd ùidh, tha fhios, anns a’ ghnothach agus Lòbhat air faighinn gu cuairt dheireannach Cupa na Camanachd anns an Òban agus bidh an Cupa fhèin againn ach am faigh iad ro-shealladh air mus feuch iad ri thilleadh dhan sgìre son chiad turas an 60 bliadhna.”

Ann an 1913, thàinig gillean òga bho sgìre na h-Àirde còmhla mar sgioba na Manachainn airson Cupa na Camanachd a bhuinnig. `S e Alasdair MacPheadrais a bha na sgiobair air an sgioba sin, agus chaochail e fhèin is a bhràthair Dòmhnall, leis an robh a’ phìob, aig Festubert. Bidh a’ chiad earrann dhen chuirm a’ coimhead air a’ bhuaidh a bh’aig a’ Chiad Chogadh air sgìrean leithid Àird Inbhir Nis agus bidh òrain, sgeulachdan agus ceòl gan snìomh ri chèile airson nan sgeulachdan innse.

Thuirt Ùisdean: “Tha sinn a’ tòiseachadh leis a’ bhuaidh àraid a bh’aig sgioba 1913, agus a’ luaidh mar thachair an sin. Thèid sinn air adhart chun Chogaidh agus am port ainmeil a chaidh a’ lorg am bocsa na pìoba, a’ comharrachadh mar thachair an 1913. Tha na sgeulachdan a th’againn buileach àraid agus tha e air leth sònraichte gu bheil sinn a’ faighinn cothrom mar seo na sgeulachdan a chur air beulaibh an t-sluaigh.”

Tha e cuideachd air leth freagarrach gur ann an Talla Phipps anns a’ Mhanachainn a tha Curaidhean na Camanachd gu bhith, agus cuideachd gu bheileas ag aithneachadh cho cudromach sa bha an 14mh Mac Shimidh ann an eachdraidh na Camanachd agus gnìomhan cogaidh. `S e stèidhich cuideachd Cupa Lòbhat, a tha fhathast mar dhuais aig gèam Bliadhn’ Ùire eadar a’ Mhanachainn agus Lòbhat gach bliadhna bho 1904. Agus is ann an Talla Phipps a chruinnich mòran de na saighdearan mus do dh’fhalbh iad dhan Chogadh Mhòr.

Chaidh Fèis Blas a stèidheachadh 11 bliadhna air ais nuair a bha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh fèis a chruthachadh a bhiodh a’ cheart cho beòthail ri Fèis Celtic Colours ann an Ceap Breatann. Tha an Fhèis a-nis le ainm is cliù eadar-nàiaseanta a’ taisbeanadh cultar na Gàidhealtachd fad is farsaing, agus tha Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd le chèile air a bhith taiceil fad bhliadhnaichean agus ga moladh airson a bhith cho soirbheachail.

Bidh tachartasan gan cur air adhart aig Fèis Blas 2015 air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal eadar 4 agus 12 Sultain.

Faodar tiogaidean a cheannach son gach tachartas aig Blas 2015 air-loidhne, no tron phòn, le fiosrachadh ri fhaighinn air làrach-lìn na fèise blas-festival.com far am faighear làn-fhiosrachadh mu program na fèise.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer