blas 2015 air iteig san dàrna deichead

Wednesday 2nd September 2015

Tha fèis Blas 2015, an 11mh fèis, a’ gabhail ceum dhan dàrna deichead le sogan, agus sreath de thachartasan iomraiteach a’ dol air adhart air feadh na Gàidhealtachd agus ann an Earra-Ghàidheal bhon cheud oidhche, Dihaoine Sultain 4. gu Disathairne 12 Sultain.

Tha an fhèis le cliù a nis mar tè de na prìomh fhèisean ciùil an Alba, agus tha cuid de na luchd-ciùil as ainmeil agus as fheàrr a tha rim faighinn a’ nochdadh air clàr na fèise.

Chaidh an fhèis a thòiseachadh bho thùs le Comhairle na Gàidhealtachd a bha a’ leantainn stoidhle bheothail agus gnìomh na Fèise Celtic Colours ann an Ceap Breatann, agus a tha air a bhith gu math taiceil do Bhlas bhon uairsin. Tha an fhèis Ghàidhealach a-nis le dreach eadar-nàiseanta a lìbhrigeadh agus a’ foillseachadh cultar na Gàidhealtachd.

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Tha sinn a’ cur fàilte air Fèis Bhlas a chuir a’ Chomhairle air dòigh an toiseach o chionn 11 bliadhna. Bho 2005 tha an Fhèis air fàs nas motha is nas fheàrr le tachartasan ann an iomadh àite bho Phort Rìgh gu Port MoCholmaig, Srathaidh gu Srath Pheofhair, agus Drochaid Chàrr gu Ceann Loch Chille Chiarain. Ged a tha i air fàs, tha i air an tlachd is an taitneas a bha aice bho thùs a ghlèidheadh agus luchd-ealain le cliù eadar-nàiseanta air àrd-ùrlar còmhla ri òigridh thàlantach nan sgìrean againn fhèin.”

Tha Bòrd na Gàidhlig cuideachd air fàilte a cur air toiseach na fèise. Thuirt Joe Moore, Ceannard Eadar-amail a’ Bhùird: “Tha e na amas do Bhòrd na Gàidhlig taic a thoirt do dh’ealain is cultar na Gàidhlig a bhuineas an dà chuid ri dualchas nan Gàidheal agus ri nòsan ùra. Tha am Bòrd a’ tuigsinn mar a bhios tòrr dhaoine air am brosnachadh gu bhith ag ionnsachadh agus a’ cleachdadh a’ chànain às dèidh dhaibh a dhol an sàs sna h-ealain Ghàidhlig, ealain leithid ceòl, seinn, dannsa, dràma agus litreachas. Tha e a’ toirt toileachas dhuinn fhaicinn mar a tha Fèis Bhlas a-nis air aon de na tachartasan cultarach as motha a bhios a’ tachairt gach bliadhna air a’ Ghàidhealtachd.”

Bidh an fhèis seo a’ comharrachadh iomadh clach-mhìle eadar cuirmean fa-leth, le grunn dhen luchd-ciùil iad fhèin a’ cur bliadhnaichean de shaothair às an dèidh aig Blas. Thathas cuideachd gu bhith a’ comharrachadh bliadhna iomraiteach de bhiadh is deoch air feadh na h-Alba. Tha cuid de na buill anns na Fèisean ionadail am measg an fheadhainn a bhios a’ comharrachadh cinn-bliadhna, leithid Fèis Spè a tha air a bhith a’ dol son 25 bliadhna, agus Fìdhlearan Chill Tighearn a stèidhich Fèis Rois. Bidh an còmhlan Shoogenlifty cuideachd a’ comharrachadh 25 bliadhna iad fhèin, nuair a chluicheas iad anns na h-Ironworks còmhla ri Ho-rò agus Niteworks, oidhche Shathairne, Sultain 6.

Thuirt stiùiriche na fèise Donna NicRath bho Firefly Productions: “Tha sinn air ar misneachadh gu mòr gu bheil na tiogaidean air a bhith a’ falbh leis a’ ghaoith. Tha co-dhiù aon tachartas mòr agus iad air an reic gu buileach, agus feadhainn eile gu math faisg air. Mholainn do neach sam bith a tha a’ smaoineachadh mu dheidhinn, tiogaidean fhaighinn sa bhad air-loidhne seach gu bheil iad a’ falbh aig leithd de dh’astar. Tha sinn cuideachd air leth taingeil gu bheil teaghlaichean air an dachannan fhosgladh do dhaoine son Cèilidhean Taighe a chumail. Tha luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail, leithid nan Stàitean Aoniachte, Israel, Seallainn Nuadh agus Astràilia air àiteachan a ghabhail dìreach làithean an dèidh dhuinn am foillseachadh. Tha sinn cho deiseil sa ghabhas a nis agus gu math taingeil gu bheil ar luchd-leantainn air a bhith cho sgiobalta air an casan a’ togail nan tiogaidean.”

Math is gu bheil eachdraidh chuid de chòmhlain aig an fhèis, is beag e an taca ris an 70 bliadhna a tha gan comharrachadh leis a’ bhana-sheinneadair chliùiteach Anna Latharna NicGillÌosa. Bidh grunn charaidean, luchd-eòlais agus seinneadairean a’ cruinneachadh airson luaidh a dhèanamh air na rinneadh leatha na cuid-obrach agus ceòl thar nam bliadhnaichean air dà thaobh a’ Chuain Siar, ann an Cathair Eaglais Inbhir Nis, oidhche Haoine, 4 Sultain.

Chan eil cus de chòmhlain ann aig an robh uibhir de bhuaidh air saoghal na Gàidhlig ri Runrig. Bidh na h-òrain aca, a chaidh a sgrìobhadh le Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach, aig cridhe cuirme shònraichte: “Òran: subhachas le òrain Runrig”, agus bidh sin na Cuirm Chrìochnachaidh air Blas 2015 air an oidhche mu dheireadh. Bidh sin ann an Theatre na h-Ìompaireachd ann an Cùirt an Aodainn an Inbhir Nis Oidhche Shathairne, Sultain 12.

Tha an fheadhainn a tha a’ gabhail pàirt sa chuirm uile air a bhith a’ gabhail òrain Runrig bhon chaidh a stèidheachadh anns na 1970-an no air a bhith a’ cluich còmhla riutha, nam measg Julie Fowlis còmhla ri Eamonn Doorley & Tony Byrne, Cathy Anne Nic a’ Phì agus Mànran a tha, ann an iomadach dòigh, a’ leantainn na rinneadh le Runrig. Nan cuideachd air an oidhche mhòr bidh cruinneachadh de luchd-ciùil nam Fèis, a tha le dlùth-cheangal ri Blas.

’S e glè bheag de na clachan-mhìle a bhios an lùib Blas a tha cho drùidhteach ris a’ chuirm “Curaidhean na Camanachd: A’ phìob a’ tighinn dhachaigh” a bhios an Talla Phipps anns a’ Mhanachainn oidhche fosglaidh an fèise, Dihaoine, Sultain 4. Ceud bliadhna an dèidh Blàr uamhasach Festubert anns a’ Chogadh Mhòr, far an do chaochail na ceudan de shaighdearan Gàidhealach, bidh a’ phìob a bh’ aig fear dhiubh a chaill a bheatha, agus a bha ainmeil na chamanaiche san sgìre, Dòmhnall MacPheadrais, a’ tilleadh dhan Mhanachainn agus ga seinn leis a’ phìobaire ainmeil Dunnchadh MacGilleBhrath à Baile Dhubhthaich.

Am measg an fheadhainn eile a bhios a’ gabhail an àrd-ùrlair aig fèis na bliadhna seo bidh Dick Gaughan, Macanta, J.P. Cormier à Canada, Co-Chruinneachadh nan Òran Traidiseanta Albannach, Aly Bain agus Phil Cunningham, Buidheann Alan Kelly le Eddi Reader agus John Douglas air aoigheachd. Bidh grunn de shàr-sheinneadairean Gàidhlig an làthair cuideachd. A bharrachd air Anna Latharna agus Julie Fowlis, bidh Cathy Ann Nic a’ Phì, Kathleen NicAonghais, Màiri NicAonghais, Maighread Stiùbhart agus Ingrid NicEanruig & Ailean MacNeacail agus Eilidh NicChoinnich agus Anna Massie & Mairearad Green uile an làthair.

Cha bhi an còmhlan Session A9 a’ cluich air a’ Ghàidhealtachd ach an aon turas am-bliadhna, agus tha sin aig Blas 2015 – ann an Inbhir Ùige mu thuath agus an Slèite anns an Eilean Sgitheanach. Bidh sreath de chèilidhean is dannsaichean ann an grunn àiteachan le sàr-chòmhlain leithid Fergie Dòmhnallach ann an Strathaidh, agus còmhlan Raibeart Nairn anns an Ath Leathann, le chèile oidhche Haoine, Sultain 11.

Tha Fèis Bhlas air deagh thaic fhaighinn thar nam bliadhnaichean bho chompanaidh Adhair na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIAL), le taigh-bidhe phort-adhair Inbhir Nis ga chleachdadh uair is uair mar ionad-cuirme agus son Ball Blas. Tha luchd-ciùil cuideachd air a bhith a’ cluich ann iomadach uair air raon-cruinneachaidh a’ phuirt-adhair tro fhèisean.

Am-bliadhna tha tachartas sònraichte eile gu bhith anns a’ phort-adhair. Bidh an 4mh Dìnneir de Thalla Urraim Ceòl Traidiseanta na h-Alba, air aoigheachd na buidhne Hands up for Trad, an co-bhanntachd le Blas, air Sultain 11. Bidh a’ chuirm seo a’ comharrachadh agus a’ fàilteachadh an fheadhainn a tha gam fiathachadh dhan Talla ann an 2015 agus bidh ceòl ga chumail ri na bhios an làthair le Rona Lightfoot agus oileanaich UHI.

Gheibhear tiogaidean airson tachartasan Bhlas air loidhne, no tron fòn, no air làrach-lìn na fèiseblas-festival.com far a bheil barrachd fiosrachaidh mun phrògram gu lèir.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer