Friday 4th September 2015
Thèid an treas ‘Fèis Thèatar Òigridh Gàidhlig’ a chumail aig Eden Court ann an Inbhir Nis air Diardaoin 10 Sultain 2015. ‘S e Eden Court CRUTHACHAIL ann an co-bhonn le Fèisean nan Gàidheal a chur an Fhèis air dòigh le trì thèataran òigridh Gàidhlig à Baile Dhubhthaich, Inbhir Pheofharain agus Inbhir Nis a’ gabhail pàirt innte am bliadhna. Thèid na dealbhan-cluiche ac’ a thaisbeanadh air an oidhche leis a’ chiad dealbh-chluich a’ tòiseachadh aig 7.00f. Cosgaidh tiogaidean £5 an duine agus £3 le lasachadh-phrìs. Gabhaidh tiogaidean a ghlèidheadh air-loidhne tro làrach-lìn Eden Court.
‘Falaichte’ – dealbh-chluich ùr le Thèatar Òigridh Bhaile Dhubhthaich a dh’innseas sgeulachd àrc-eòlaiche àrd-amasach ‘s fianais air eucoir nach gabh fhalach tuilleadh.
‘An Taghadh’ – dealbh-chluich ùr le Thèatar Òigridh Inbhir Pheofharain a leanas fear aig a bheil miann a bhith soirbheachail ann am poileataigs ach tha dùbhlain ris nach eil e an dùil a’ dol na aghaidh.
Tha ‘Brathadairean’ le Sgioba Dràma Òigridh Inbhir Nis – sgrìobhte le Ben Ockrent a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Ruairidh MacNeacail bho Eden Court CHRUTHACHAIL – mu dheidhinn buidheann de luchd-dealasach TF a tha a’ gabhail brathadairean orra fhèin. Tha dinimig an sgioba ag atharrachadh nuair a tha nighean ùr a’ tighinn nam measg.
Le taic bhon sgeama ‘Lìonra Dràma Ghàidhlig’ aig Bòrd na Gàidhlig , tha Fèisean nan Gàidheal agus Eden Court CRUTHACHAIL ag obair còmhla gus cothroman a bharrachd a thoirt do sgoilearan àrd-sgoile le Gàidhlig sgilean dràma ionnsachadh agus taisbeanaidhean dràma a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig.
Tha tuilleadh fiosrachaidh mu na thèataran òigridh ann am Baile Dhubhthaich agus Inbhir Pheofharain air an làrach lìn aig Fèisean nan Gàidheal aig www.feisean.org/tog.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun fhèis cuiribh fios gu Aonghas MacLeòid aig Fèisean nan Gàidheal air 01463 225 559 no angus@feisean.org no Lucy McGlennon, Manaidsear Eden Court CHRUTHACHAIL air 01463 239 841.