bliadhna shònraichte aig na fèisean ga comharrachadh

Thursday 24th September 2015

B’ i bliadhna fìor thrang agus soirbheachail a bh’ aig Fèisean na dùthcha, a rèir Aithisg Bhliadhnail Fèisean nan Gàidheal, a chaidh fhoillseachadh an-diugh.

Cluinnidh riochdairean bho na Fèisean air feadh na h-Alba tuilleadh nuair a thig iad cruinn còmhla airson Coinneamh Bhliadhnail Fèisean nan Gàidheal ann am Beinn na Faoghla Dihaoine 25mh Sultain. Thèid co-labhairt fhosgailte a chumail an ath latha, Disathairne 26mh.

Bidh Raonaid NicCarmaig, Stiùiriche Neartachadh Choimhearsnachdan aig Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean am measg na bhios a’ bruidhinn aig a’ cho-labhairt.

Thuirt Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig: “A bharrachd air £1.4m fhaotainn bho Alba Chruthachail, tha Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean air suas ri £420,000 a ghealltainn dhuinn airson ar leasachadh anns na trì bliadhnaichean a tha romhainn. Fhuair sinn taic a bharrachd bhuapa airson neach-ceumnachaidh a thoirt a-steach dhan bhuidhinn agus tha Rowan NicPheadrais air a bhith ag obair air margaidheachd thachartasan Fèisean nan Gàidheal. Mar sin, tha sinn air leth toilichte gu bheil Raonaid NicCarmaig air aontachadh tighinn a bhruidhinn aig ar co-labhairt agus bidh sinn an dùil barrachd a chluinntinn mu Ar Stòras Gàidhlig, pròiseact rannsachaidh a bharantaich InG agus luchd-compàirt eile, agus a tha a’ tomhas gum faodar a’ Ghàidhlig suas ri £149m a chur ri eaconamaidh na h-Alba gach bliadhna.”

Tha Aithisg Bhliadhnail Fèisean nan Gàidheal a’ sealltainn gu do ghabh mu 61,000 neach pairt ann an obair Fèisean nan Gàidheal rè 2014-15.

Tha Cathraiche Fèisean nan Gàidheal, Donnchadh MacGuaire MBE, a’ moladh na th’ air a dhèanamh às leth nam Fèisean le daoine a tha ag obair gu saor-thoileach na ro-ràdh san Aithisg Bhladhnail is e ag ràdh cuideachd: “B’ i bliadhna shònraichte a bh’ ann an 2014 ann an Alba nuair a chaidh Geamannan a’ Cho-fhlaitheis a chumail ann an Glaschu agus chaidh an dàrna bliadhna de Tilleadh Dhachaigh a chomharrachadh tron bhliadhna air fad. Chùm Fèisean nan Gàidheal taic ris an dà iomairt agus fhuair òigridh nam Fèisean cothrom pàirt a ghabhail ann an grunn thachartasan a bha nan lùib.“

Thuirt e cuideachd: “Chaidh 5,497 daoine òga an sàs ann an tachartasan is clasaichean aig 44 Fèisean air feadh Alba. Ghabh 8,407 sgoilearan pàirt ann an tachartasan Fèisgoil, a’ gabhail a-steach Iomairt Chiùil na h-Òigridh, agus clasaichean Gàidhlig is dràma ann an sgoiltean. Bha 18,668 daoine an làthair aig tachartasan Fèis Bhlas san t-Sultain 2014, tachartas a tha ga ruith le Fèisean nan Gàidheal an co-bhuinn ri Comhairle na Gàidhealtachd. Chaidh 20,144 duine gu còrr is 300 tachartas a chùm ar còmhlain bho na Cèilidhean air Chuairt.

Gheall Fèisean nan Gàidheal tabhartasan luach £279,000 do dh’Fhèisean ionadail airson nan tachartasan aca ann an 2014-15, agus thug e toileachas dhuinn fàilte a chur air dà fhèis ùr – Fèis na h-Apainne san Apainn agus Fèis Phàislig ann am Pàislig.”

Tha an Aithisg Bhliadhnail a’ mìneachadh gu robh luach-malairt de £2.5m ann an obair Fèisean nan Gàidheal is nam Fèisean rè na bliadhna.

Tha làn-fhiosrachadh mu na rinneadh rè na bliadhna le Fèisean nan Gàidheal anns an Aithisg Bhliadhnail a gheibhear tron cheangal seo.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer