Duais nàiseanta ga buileachadh air Blas

Chaidh urram a bhuileachadh air Blas aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba ann an Glaschu bho chionn greis, nuair a ghlèidh an fhèis “An Duais airson Tachartas” aig Bòrd na Gàidhlig.

A-nis san treasamh bliadhna, tha na duaisean a’ comharrachadh nan oidhirpean a tha buidhnean agus daoine fa leth a’ dèanamh tron bhliadhna airson a’ Ghàidhlig a leasachadh. Aig an tachartas fhèin, a chuir an Daily Record air dòigh le taic bho Bòrd na Gàidhlig, chaidh deich duaisean a thoirt seachad agus fhuair an fheadhainn a bha an làthair cothrom èisteachd ri ceòl aig an fhìdhleir ainmeil, Donnchadh Siosalach, an còmhlan-ciùil, Marloch, agus an t-seinneadair, Art MacCarmaig.

Thuirt Ceannard eadar-amail Bòrd na Gàidhlig, Joe Moore: “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur meal-a-naidheachd air Fèis Bhlas airson na duaise a fhuair iad o chionn ghoirid aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2015. Tha an fhèis air a dhol bho neart gu neart bho thòisich i agus tha i a’ sealltainn gu soilleir an dlùth dhàimh a th’ ann eadar cànan is cultar.”

Chaidh Blas a stèidheachadh bho chionn aona bliadhna deug, ‘s i air a ruith le Fèisean nan Gàidheal. Tha an fhèis air a bhith uabhasach soirbheachail, le àireamhan ga frithealadh a’ sìor èirigh gach bliadhna, agus daoine a’ tighinn chun na fèise bho air feadh an t-saoghail. Le Gàidhlig agus cultar aig cridhe na fèise, tha an duais na comharra air an oidhirp a thathas ga dhèanamh gach bliadhna gus fèis shoirbheachail a lìbhrigeadh ann an co-bhonn ri buidhean eile, saor thoileach agus pàighte.

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal: “Bha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte gun deach ar cur air adhart ann an ceithir raointean aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba. Tha sinn air a bhith ag obair ann am com-pàirt ri Comhairle na Gàidhealtachd airson barrachd air deich bliadhnaichean gus Blas a leasachadh agus a toirt gu buil gach bliadhna. Tha sinn air leth toilichte an duais seo a thogail agus bu mhath leinn taing a thoirt do gach buidheann a tha a’ cumail maoin rinn, do na buidhnean a tha a’ cur chuirmean air dòigh dhuinn sna sgìrean aca fhèin, High Life Highland airson prògram foghlaim a chur air dòigh agus, gu sònraichte, do Donna NicRath a bhios ag obair dhuinn air chùmhnant a’ dèanamh a’ mhòr chuid de dh’obair ullachaidh mu choinneamh na fèise gach bliadhna.”

Bidh Blas 2016 a’ tachairt eadar 2 agus 10 An t-Sultain.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer