Trèanadh Luchd-Teagaisg
20 Gearran 2016
Tha àitichean fhathast ri fhaotainn air cùrsa trèanaidh luchd-teagaisg a tha Fèisean nan Gàidheal a’ ruith aig Sabhal Mòr Ostaig air Disathairne 20 Gearran. A’ tòiseachadh aig 10m, bidh an cùrsa a’ ruith fad latha, le stiùireadh air iomadh cuspair a tha a’ buntainn ri sgilean bunasach a bhios aig luchd-teagaisg ri ionnsachadh airson an ullachadh fhèin gu bhith a’ teagasg aig Fèis.
Bidh Mhairi Hall – a tha air a bhith an lùib Fèisean fad bhliadhnaichean agus aig a bheil eòlas gu leòr air a bhith a’ teagasg aca – an làthair airson comhairle a thoirt seachad air sgilean leithid ullachadh airson Fèis, dèiligeadh le diofar ìrean ann an aon chlas, cumail smachd air clasaichean agus taghadh fuinn agus òrain a fhreagras air clann òg. Bheir seo beachd do na compàirtichean air dè a tha romhpa aig Fèis.
Bidh Ruairidh Greumach, a tha air a bhith aig Fèis an Earraich o chionn fhada, a’ lìbhrigeadh seisean ann an geamannan Gàidhlig a bhios gu math spòrsail agus uabhasach feumail. Bidh clann òg aig Fèisean a’ fàs an-fhoiseil agus feumaidh luchd-teagaisg ùidh a’ chloinn a chumail agus nì iad sin le bhith a’ cluich geamannan còmhla riutha. Bidh Ruairidh cuideachd a’ dèanamh seisean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air abairtean agus facail a bhios gan cleachdadh aig Fèisean, agus bidh Màiri Sìne Chaimbeul air làimh airson còmhradh ris na fileantaich.
A’ toirt cùisean gu crìoch, bidh Shona Nic a’ Mhaoilein bho Fèisean nan Gàidheal a’ bruidhinn air cothroman fastaidh leis na Fèisean air feadh Alba agus bidh i cuideachd ag innse mu dheidhinn Duaisean Ealain, a b’ urrainn do chompàirtichean a bhith a’ dèanamh fad seachdain Fèis. Cuideachd innsidh i mu dheidhinn na goireasan a tha ri fhaotainn airson fuinn agus òrain a thaghadh a bhitheas a’ teagasg aig Fèisean.
Aig 7.30f thèid cèilidh a chumail agus tha fàilte ron h-uile duine a bhith an làthair agus an cuid ionnstramaidean a thoirt leotha airson ceòl gu leòr a dhèanamh. Bidh biadh agus àite-fuireach ri fhaotainn aig Sabhal Mòr Ostaig Dihaoine 19 agus Disathairne 20.
Airson foirm-iarrtais thèidibh gu www.feisean.org/tlt16 agus airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu Shona Nic a’ Mhaoilein air shona@feisean.org no 01851 704 573.