Cothroman-obrach aig Fèis Chataibh

Fèis Chataibh LOGO

Dreuchd:  Co-òrdanaiche na Cèilidh air Chuairt

Tha Fèis Chataibh a’ lorg Co-òrdanaiche airson sgeama na Cèilidh air Chuairt 2016.  Bidh an neach seo an urra ri turas ciùil a chur air dòigh agus a stiùireadh do bhuidhinn de luchd-ciùil òga a thèid a-mach a chluich air feadh Chataibh is Ghallaibh tron Iuchar is an Lùnasdal 2016.

Gheibhear dealbh-obrach slàn is fiosrachadh mun sgeama AN SEO: FCCT Co-ordinator JD 2016

Airson iarrtais a chur a-staigh, cuiribh cunntas-beatha agus litir a’ mìneachadh ur n-eòlais agus freagarrachd dhan dreuchd gu feischataibh@yahoo.co.uk.

Feumar iarrtasan a bhith a-staigh ro 5f Dihaoine 18 den Mhàrt.

 


 

Dreuchd:  Buill na Cèilidh air Chuairt

Tha Fèis Chataibh a’ lorg eadar sianar is ochdnar luchd-ciùil / seinneadairean òga eadar 16 is 22 bhliadhna a dh’ aois a ghabhas pàirt anns a’ Chèilidh air Chuairt aca am bliadhna.

Gheibhear fiosrachadh slàn an seo: FC Ceilidh Trail app pack 2016

Gus iarrtas a chur a-staigh, lìonaibh form air loidhne.

Feumar iarrtasan a bhith a-staigh ro 5f Dihaoine 8mh den Ghiblean. Thèid agallamhan a chumail Disathairne 16 den Ghiblean.

 


 

 

Ma thathar airson barrachd fhaighinn a-mach mu ghin dhe na cothroman seo cuiribh fios air Raonaid Harris, Oifigear Leasachaidh Fèisean nan Gàidheal:

01463 225559

rachel@feisean.org

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer