Tha ùine ann fhathast iarrtas a chur a-staigh do Chèilidh air Chuairt Fèis Fhoirt 2016, pròiseact ciùil air leth soirbheachail a bhios a’ toirt sàr-chothroim do luchd-ciùil is seinneadairean òga eadar 16 is 25 bliadhna a dh’aois a dhol a-mach air turas ciùil phroifeiseanta.
Feumar a bhith sgiobalta ge-tà, is iarrtasan a’ dùnadh aig 11f Diluain-sa tighinn (7mh dhen Mhàrt).
Tron iomairt inntinneach seo, gheibhear cothrom a bhith ag obair mar phàirt de chòmhlan-ciùil le òigridh eile, a’ faighinn oideachaidh agus taic bho luchd-ciùil fìor-eòlach mus tèid sibh a-mach air chuairt timcheall air Sruighlea, An Eaglais Bhric agus Loch Laomainn – is tuarastail na chois. Gheibhear barrachd a-mach mun phròiseact AN SEO: FFhCT 2016 app pack.
Airson iarrtas a chur a-staigh, bruthaibh AN SEO. Ma thathar airson barrachd fhaighinn a-mach mun phròiseact cuiribh fios air Siobhan Anderson, Co-òrdanaiche Cèilidh air Chuairt Fèis Fhoirt, aig feisfhoirt@gmail.com.