Latha Drumaireachd le Fèis an Iar Thuath

FIT logo

Tha aighear air Fèis an Iar Thuath fhoillseachadh gu bheilear an dùil latha drumaireachd a chumail air 19mh den Mhàrt ann an Sgobhairigh. 

Bidh Sarah Walker a’ stiùireadh latha de bhùthan-obrach a bhios a’ toirt sùil air drumaireachd is iomadh seòrsa druma ri fheuchainn. Bidh na bùthan-obrach seo freagarrach dha cloinn a tha 8 bliadhna a dh’ aois no nas sinne is thèid an cumail eadar 11m is 3.30f ann an talla-baile Sgobhairigh. 

Bheir an fhèis seachad sùgh is grèim-bìdh ach bu chòir do chompàirtichean lòn a thoirt leotha. Cosgaidh an tachartas seo £7 an duine agus tha an fhèis ag iarraidh air duine clàradh ro Dhihaoine 11 den Mhàrt le bhith cur fios air rùnaire na fèise, Sheilah Cunningham, air 01971 502072 neo sheilahcunningham@btinternet.com.

Chithear bhideo le Sarah agus an clas drumaireachd a bh’ aig Fèis an Iar Thuath an 2015 AN SEO.

 

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer