Tha an Sgoil Shamhraidh Dhràma a’ toirt cothrom air leth do dheugairean le Gàidhlig tha ag iarraidh sgilean a leasachadh gus cleasachd a dhèanamh air an àrd-ùrlar agus air beulaibh a’ chamara.
Stèidhte ann am Port Rìgh, san Eilean Sgitheanach, thèid an sgoil-chòmhnaidh a chumail eadar Diluain 4 agus Disathairne 16 Iuchar 2016. Tha an Sgoil fosgailte do dheugairean le Gàidhlig eadar 14 agus 18 bliadhna a dh’aois le ùidh ann an dràma. Chan eil eòlas air dràma no cleasachd riatanach gus pàirt a ghabhail anns an Sgoil Shamhraidh Dhràma.
Tha Fèisean nan Gàidheal a’ gabhail ri iarrtasan an dràsta fhèin agus tha tuilleadh fiosrachaidh agus foirm-iarrtais na Sgoile ri fhaotainn air an duilleag-lìn a leanas: www.feisean.org/ssd
Tha an Sgoil Shamhraidh Dhràma maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Alba Chruthachail.


