Thàinig an turas soirbheachail den dealbh-chluich do bhuidhnean thràth-bhliadhnaichean ‘Hùb Hàb air Ghleus’ gu crìch Dihaoine le taisbeanaidhean aig Sgoil-àraich Chnoc a’ Chonaisg agus Sgoil-àraich Ghlaschu. B’ ann air sgoiltean-àraich ann an ceann a deas na dùthcha a bha an turas seo ag amas agus mhair e còig latha.
Chunnaic corr is 300 clann an dealbh-chluich a chaidh a thaisbeanadh aig sgoiltean-àraich ‘s bun-sgoiltean ann an Cille Bhrìghde an Ear, Cille Mhearnaig, Dùn Èideann, Comar nan Allt, Drochaid an Easbaig, Grianaig agus Glaschu.
Gus cothrom a thoirt do bhuidhnean thràth-bhliadhnaichean eile an Alba ga fhaicinn tha Fèisean nan Gàidheal an dùil turas eile a dhèanamh leis an dealbh-chluich nas fhaide air adhart sa bhliadhna. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu ‘Hùb Hàb air Ghleus’ bho Aonghas MacLeòid air 01463 225 559 no angus@feisean.org