Ag ionnsachadh còmhla – clasaichean cànain airson luchd-ionnsachaidh.

Air an teirm seo, bidh dithis de luchd oideachaidh Fèisean nan Gàidheal a’ tadhal air grunn sgoiltean aig deas, a’ lìbhrigeadh seiseanan Gàidhlig gu  sgoilearan is na tidsearan aca aig an aon àm.

 

Air na seachdainnean a tha romhainn, bidh Linda NicLèoid agus Murray Willis a’ dol gu bun-sgoiltean ann an sgìre na h-Eaglaise Brice agus Siorrachd Àir an Ear. Dìreach ron Chàisg, bha an dithis seo cuideachd a’ lìbhrigeadh blasad den cànan is ar cultar ann an siorrachd Peairt is Inbhir Àir à Deas.

 

Airson cuid de na sgoilearan is na luchd-teagaisg, ‘b e seo a chiad chothrom aca Gàidhlig ionnsachadh is tha an oide, Murray, gu math toilichte a bhi an sàs, gu h-àraidh a bhith a’ cur cuideam air na ceangalaichean eadar Albais, Gàidhlig is Beurla.

 

Ach, anns an sgìre eile, An Eaglais Bhreac far a bheil Linda dol timcheal sgoiltean, thòisich cuid de na sgoilearan is cuid de na tidsearan ag ionnsachadh Gàidhlig mar tha.

 

Tha Murray agus Linda a’ cleachdadh doighean spòrsail agus tarraingeach airson an cànan a theagasg gus na h-oileanaich a bhrosnachadh is a mhisneachadh.  Gur math a thèid leotha uile anns na sgìrean ud.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer