Latha leasachaidh leantainneach airson luchd-teagaisg ciùil anns An Eaglais Bhreac.

Latha leasachaidh leantainneach airson luchd-teagaisg ciùil anns An Eaglais Bhreac.

 

Bidh Linda NicLèoid is Jenn Butterworth a’ stiùireadh leasainean ciùil traidiseanta airson  luchd-teagaisg is luchd-oideachaidh ciùil sa sgìre aig latha leasachadh leantainneach air Dihaoine 29mh Giblean. Bidh Linda a’ feuchainn ri faclan feumail Ghàidhlig bunaiteach a thoirt dhan luchd-teagaisg is òran sònraichte no dhà airson sgoilearan aig gach ìre. Coltach ri Linda, ’s e sàr sheinneadair is tè chiùil gu math comasach a th’ann an Jenn is tha i gu math eòlach air foghlam foirmeil fhèin oir, airson iomadh bliadhna a-nis, tha i air a bhith an sàs ann an obair teagaisg aig an RCS ann an Glaschu.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer