Cothroman-obrach aig Fèis Phàislig

Às dèidh fèis air leth soirbheachail ann an 2015 tha Fèis Phàislig fìor thoilichte program ùr de chlasaichean leantainneach a thairgse bhon Lùnasdal 2016.

’S ann am Pàislig a bhios na clasaichean stèidhichte is iad a’ dol gach Disathairne tro theirm na sgoile eadar 10m is 1f. Tha an fhèis a-nis a’ lorg luchd-oide a theagaisgeas fidheall agus giotàr, is dùil gun obraich luchd-oide còmhla gus bùth-obrach a bharrachd a lìbhrigeadh gach seachdain ann an obair-còmhlain.

Thèid luchd-oide a phàigheadh a rèir an uaireadair: tha dealbh-obrach is fiosrachadh mu iarrtasan ri fhaotainn an seo.

Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro 5f Diardaoin 30mh den Ògmhios. Airson barrachd fiosrachaidh no còmhradh neo-fhoirmeil air a’ chothrom seo, cuiribh fios air cathraiche na fèise Grant Mac a’ Phàrlain aig info@feisphaislig.com no 07595 175 099. Gheibhear fiosrachadh a bharrachd mu Fhèis Phàislig aig www.feisphaislig.com.

 

FP funders JPEG

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer