Deich Bliadhna de dh’ Fhèisean Dràma ann an Earra-Ghàidheal

Bidh sgoilearan bho air feadh Earra Ghàidheal a’ tighinn còmhla aig 1.30f Dimàirt 24 Cèitean airson feasgar de dhràma Ghàidhlig a thaisbeanadh ann an Tallaichean a’ Chorrain, an t-Òban.

FDEG2016_POSTER
Tha am pròiseact seo a-nise na deicheamh bliadhna, is bhon uair sin tha e air cothrom a thoirt do dh’òigridh na sgìre sgilean ùra ionnsachadh ‘s iad aig a’ cheart àm a’ cur ri chèile dealbhan-cluiche ùra.

Am-bliadhna, ‘s iad na bun-sgoiltean a leanas a tha an sàs sa phròiseact: Bun-sgoil Achadh na Creige anns an Òban, Bun-sgoil an t-Sàilein ann an Eilean Muile agus Bun-sgoil Thaigh a’ Chladaich ann an Dùn Omhainn.  Tha Bun-sgoil Thaigh a’ Chladaich a’ cur dà dhealbh-cluiche a-steach don phròiseact am-bliadhna, a’ ciallachadh gum bi 4 dealbhan-cluiche gan taisbeanadh uile gu lèir, a’ tarraing air farsaingeachd de chuspairean leithid dàna-thuras ann am fànais, slighe a ghabhas lasair nan Geamaichean Oilimpigeach agus sgeulachdan mu easgann dhraoidheil agus tuineap uamhraidh fhèin mòr à Muile.

Am bliadhna chaidh an cleasaiche agus obraiche dràma Debbie NicAoidh fhastadh le Fèisean nan Gàidheal gus taic a thoirt do na sgoiltean a tha gabhail pàirt san Fhèis.

Tha sgoilearan ann am Prìomh 1, 2 agus 3 aig Bun-sgoil Thaigh a’ Chladaich air a bhith trang obair air dealbh-chluich mu speuradairean air cuairt ann am fànas gus clachan ‘s creagan a chruinneachadh bhon Phlanaid Ghlas, Planaid Gorm an Fheòir, Planaid an Fhraoich agus Planaid an Eòrna. Ach… nuair a thilleas iad, gheibh iad a-mach nach e clach ach ugh a th’ ann an aon dhiubh ‘s feumaidh iad siubhail a-rithist gus teaghlach a’ chreutair-fànais seo a lorg!

01fc8cfa3aa81465b19e55f814d16cd9a66d72845b
Saoil de lorgas sgoilearan Bun-sgoil Thaigh a’ Chladaich anns na speuran?

Tha e follaiseach gun do chòrd an obair air an dealbh-chluich gu mòr ris na sgoilearan.  Thuirt aon sgoilear,  “Is toil leam e nuair a thig an creutair-fànais a-mach às an ugh!” agus sgoilear eile, “Is toil leam an dealbh-chluich againn oir tha sinn uile ag obair còmhla.”

‘S e Anna Wombwell a tha teagasg na clasaichean seo aig Bun-sgoil Thaigh a’ Chladaich, “Tha an clas air tòrr obair a dhèanamh gus ullachadh airson na Fèise. Chan urrainn dhaibh feitheamh gus an tèid iad air an àrd-ùrlar anns an Òban! Chòrd na bùthan-obrach a rinn Debbie còmhla riutha gu mòr!”

Tha Aonghas MacLeòid a tha na Oifigear Dràma do Fèisean nan Gàidheal air a bhith a’ co-òrdanachadh a’ phròiseict, “Tha sinn gu mòr den bheachd gu bheil dràma air leth math airson sgilean farsaing a thoirt do chloinn – labhairt poblach, fèin-mhisneachd, co-obrachadh agus modh nam measg; gach bliadhna bheir e togail dhuinn gum bi iad a’ dol suas don àrd-sgoil agus iad air sgilean ionnsachadh a bhios feumail dhaibh sna bliadhnaichean ri teachd”.

Ged nach e co-fharpais a tha sa phròiseact seo, bithear a’ toirt seachad chuimhneachain bheaga airson saothair na cloinne a chomharrachadh.

Gheibhear a-steach don taisbeanadh dràma an asgaidh (ach cuirear fàilte air tabhartasan airgid). Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Aonghas MacLeòid air 01463 225559 no angus@feisean.org

Tha Fèisean nan Gàidheal maoinichte le Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer