Chan eil ach ceala-deug air fhàgail gus tagradh a chur gu Fèisean nan Gàidheal airson àite aig Sgoil Shamhraidh Dhràma.
‘S e tachartas-còmhnaidh a th’anns an Sgoil a thèid a chumail ann am Port Rìgh aig toiseach làithean-saora an t-samhraidh eadar Diluain 4 Iuchar agus Disathairne 16 Iuchar 2016. Anns an ùine sin gheibh compàirtichean oideachadh ann an roghainn farsaing de sgilean dràma le torr spòrs ‘s fealla-dhà na chois.
Ged a tha an Sgoil ag amas air deugairean le Gàidhlig eadar 14 agus 18 bliadhna a dh’aois, thathar a’ cur fàilte air tagraichean bho dheugairean a bhios 13 aig àm na Sgoile ach a’ teannadh air 14 bliadhna a dh’ aois. Chan eil eòlas air dràma no cleasachd riatanach gus pàirt a ghabhail san Sgoil Shamhraidh. Bu chòir tagraidhean a bhith aig Fèisean nan Gàidheal ro Diluain 20 Ògmhios 2016.
Tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte gu bheil Daibhidh Walker anns an sgioba de luchd-oide mar stiùiriche na Sgoile. Chithear Daibhidh gu tric a’ cleasachd air an àrd-ùrlair ann an dealbhan-cluiche agus ann am Bannan air BBC Alba. Còmhla ri Daibhidh san sgioba luchd-oide bidh Artair Donald a tha na obraiche dràma agus cleasaiche a nochd bho chionn ghoirid san dealbh-chluich Gàidhlig Shrapnel agus Dougie Beck a bha airson iomadach bliadhna ag obair mar sgrìobhaiche agus cleasaiche ann am pròiseactan tèatar-oideachaidh do Fhèisean nan Gàidheal. Anns a’ chiad seachdain gheibh compàirtichean na Sgoile bùthan-obrach ann an sgrìobhadh chruthachail bhon sgrìobhadair agus cleasaiche Catriona Lexy Chaimbeul a sgrìobh na dealbhan-cluiche Doras Dùinte agus Shrapnel agus sgriobtaichean airson Bannan.
A bharrachd air dealbh-chluich a leasachadh, gheibh compàirtichean cothrom fiolm ghoirid a dhèanamh airson FilmG, farpais nam fiolmaichean goirid aig MG ALBA.
Thèid na compàirtichean air an àrd-ùrlar aig deireadh na Sgoile Samhraidh le dà thaisbeanadh a bhios fosgailte don mhòr-shluagh. Thèid a’ chiad fhear a chumail oidhche Dhiardaoin 14 Iuchar aig Àrainn Fhinn ann am Port Righ agus an dàrna fear aig talla coimhearsnachd Chille Mhoire air Dihaoine 15 Iuchar.
Tha Fèisean nan Gàidheal gu math toilichte an tachartas còmhnaidh seo a thabhann aig £150, prìs a tha toirt a-steach àite-còmhnaidh agus biadh a bharrachd air an oideachadh ‘s cur-seachadan eile a tha an cois clàr-ama na Sgoile. Anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh fhuair compàirtichean cothrom pàirt a ghabhail anns na dannaichean aig Fèis Alba, bùthan-obrach ann an sgilean siorcas agus taisbeanadh bho Let’s Circus, paintballing agus cur-seachadan eile air a’ bhlàr a-muigh. Tha Fèisean nan Gàidheal gu mòr airson nas urrainn dhuinn a dhèanamh gus cothrom a thoirt do dh’òigridh pàirt a ghabhail san Sgoil. Ma tha ceist ann mun chosgais, chuireamaid fàilte air pàrant no neach-àire còmhradh a dhèanamh le Aonghas MacLèoid a tha na Oifigear Dràma aig Fèisean nan Gàidheal airson cùisean obrachadh a-mach.
Gheibhear foirm-tagraidh air-loidhne airson SSD2016 agus tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn Fèisean nan Gàidheal aig www.feisean.org/ssd no bho Aonghas MacLeòid air angus@feisean.org no 01463 225 559.
Tha an Sgoil Shamhraidh Dhràma maoinichte le Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Alba Chruthachail agus Comhairle na Gàidhealtachd.