Às dèidh iarrtais shoirbheachail gu Tasgadh: Tabhartasan Beaga nan Ealain Traidiseanta tha Fèis Ghallaibh air leth thoilichte bùthan-obrach dannsaidh a thairgse aig deireadh an Iuchair ann an Inbhir Theòrsa.
Bidh an fhèis a’ cur fàilte air Lorraine Bremner gus dà latha de bhùthan-obrach dannsaidh a lìbhrigeadh ann an Inbhir Theòrsa thairis air Dimàirt 26mh agus Diciadain 27mh den Iuchar. ’S ann an Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa a bhios na seiseanan a’ dol eadar 10m is 1.30f.
Bidh na seiseanan seo freagarrach do dh’ òigridh bho chòig bliadhna a dh’ aois agus nas sinne. Chan eil na seiseanan a’ cosg ach £2 gach latha, is faodar a dhol gu aon latha a-mhàin no an dà latha còmhla.
Thuirt ionmhasair Fèis Ghallaibh Alice NicDhòmhnaill,
‘Tha sinn air ar dòigh tacharatas dannsaidh a thairgse do dh’òigridh Ghallaibh is dha-rìribh toilichte Lorraine fhastadh mar neach-teagaisg. Bidh fealla-dhà aig a’ chloinn gun teagamh sam bith, a bharrachd air cothrom an cuid sgilean dannsaidh a leasachadh fo stiùir eòlaiche leithid Lorraine.’
Tha àiteachan rim faotainn a-nis airson an tachartais seo – gus àite a ghelidheadh nach cuir sibh fios air Janice Bain aig Fèis Ghallaibh air 01847 895 879. Gheibhear fiosrachadh a bharrachd air an tachartas seo aig www.feisean.org/event/FG2016.