Tha Fèis Lannraig a Tuath a’ dèanamh deiseil airson na prìomh fhèise aca a thèid a cumail aig toiseach an Lùnasdail san Àrd-Ruigh.
Thairis air ceithir làithean eadar Dimàirt 2na agus Dihaoine 5mh den Lùnasdal gabhaidh clann eadar 5 is 18 bliadhna a dh’ aois pàirt ann an caochladh seòrsa bhùth-obrach, nam measg seinn, bogsa-ciùil, giotàr, clàrsach, dannsa Gàidhealach, ealain, dràma agus spòrs. ’S ann tro mheadhan na Gàidhlig a bhios an teagasg is an fhèis an dùil ri mu 40 òganach. ’S ann an Eaglais Cairnlea a thèid an fhèis a chumail le cosgais £30 air gach neach. Tha lùghdachaidhean abharrachd ri fhaotainn far a bheil còrr is aon neach bhon aon teaghlach an làthair.
A bharrachd air na clasaichean seo bidh ‘Fèis Bheag’ a’ toirt blasad dhen fhealla-dhà dhan fheadhainn bheaga eadar 2 is 5 bliadhna a dh’ aois. ’S ann eadar 10m is meadhan-latha a bhios an Fhèis bheag a’ dol is cosgaidh e £10 gach pàiste airson nan ceithir latha.
An uairsin aig deireadh na seachdain thig a h-uile duine cruinn còmhla feasgar Dihaoine airson consart neo-fhoirmeil far am faigh a’ chlann cothrom an sgilean ùra a shealltainn dham pàrantan.
Tha foirm-claraidh ri fhaotainn an seo. Airson barrachd fiosrachaidh cuiribh fios gu Elaine Spence air 01236 608 848 no elaine0810@hotmail.com.