Bursaraidh siubhail eadar-nàiseanta do neach-ciùil òg traidiseanta

Thathar a’ sireadh neach-ciùil òg a dhèanadh feum de bhursaraidh siubhail eadar-nàiseanta tro iomairt co-oibreachaidh eadar Comann Crann na h-Alba, Fèisean nan Gàidheal agus Comhairle Bhreatainn (Alba).

A’ comharrachadh 80 bliadhna bhon a chaidh a stèidheachadh, tha Comann Crann na h-Alba air cuireadh a thoirt do Fèisean nan Gàidheal neach-ciùil no seinneadair òg air leth tàlantach a lorg, a sheallas mar a leudachadh cothrom eadar-nàiseanta adhartas ann an ceòl.

Thèid am bursaraidh a mhaoineachadh le Comhairle Bhreatainn (Alba) agus tha e a’ leantainn air iomairt a chaidh a chuir air chois dà bhliadhna air ais a thug cothrom do Innes Mac Ille Bhàin, chompàirtiche Fèis Rois agus neach-labhairt na Gàidhlig, cothrom ionnsachadh mu cheòl mion-chànain eile – Catalan. Chuir Innes, a chluicheas gu cunbhalach a-nise le Triùir Mischa Nic a’ Phearsain agus Còmhlan Iain MhicChosgair, seachad ùine ann an Catalonia ag ionnsachadh beagan mun chànan agus mun cheòl agus dannsa traidiseanta a tha na chois.

Thuirt Jim Tough, Àrd-stiùiriche Comann Crann na h-Alba: “Tha sinn air leth toilichte am pròiseact seo a chumail a’ dol le taic bho Comhairle Bhreatainn (Alba). Bheir e cothrom air leth do neach-ciùil òg rannsachadh a dhèanamh air na beachdan cruthachail aca ann an co-theacsa eadar-nàiseanta. Tha Comhairle Bhreatainn (Alba) agus Comann Crann na h-Alba ag obair gu dùrachdach còmhla gus cothroman a thoirt do dh’Albannaich òga sealladh eadar-nàiseanta fhaighinn agus tha soirbheas Fèisean nan Gàidheal aig an taigh agus thall thairis a’ dearbhadh gu bheil iad nan co-obraichean air leth freagarrach san iomairt seo.”

Thèid an cothrom seo a shanasachadh fad is farsaing air feadh lìonra Fèisean nan Gàidheal gus an neach-ciùil as airidh air duais £1,500 a lorg. Gheibh an neach-ciùil cothrom am pròiseact rannsachaidh a leantainn, siubhal eadar-nàiseanta a dhèanamh mar phàirt den phròiseact agus cuideachd teisteanas agus ballrachd Comann Crann na h-Alba.

Mhìnich Art MacCarmaig, Àrd-oifigear na buidhne: “Tha Fèisean nan Gàidheal an còmhnaidh a’ feuchainn ri bhith a’ dèanamh leudachadh air na cothroman a tha aig daoine òga a tha an sàs ann an cultar na Gàidhlig agus ceòl traidiseanta. Tha Bursaraidh Siubhail Eadar-nàiseanta a’ toirt cothrom mìorbhaileach do neach-ciùil òg rannsachadh a dhèanamh air a chuid sgilean ann an co-theacsa eadar-nàiseanta agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair a-rithist còmhla ri Comann Crann na h-Alba agus Comhairle Bhreatainn (Alba) ann a bhith a’ cùmail sùil gheur a-mach airson an neach as airidh air duais na bliadhna.”

Feumaidh tagraidhean a bhith a-steach ro Dhihaoine 26 An Lùnastal 2016. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu bhith a’ dèanamh tagradh an seo. Thèid ballrachd bhliadhnail Comann Crann na h-Alba a thoirt do gach tagraiche a thèid a mholadh agus cluichidh an neach-ciùil a shoirbhicheas aig tachartas Saltire Celebrates aig Òran Mòr ann an Glaschu aig 30 An t-Samhain far an tèid an duais a thoirt seachad.

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer