`S iomadadh cuirm èibheiseach a chaidh a chumail ann an Cùirt an Aodainn ann an Inbhir Nis tro Fhèis Bhlas agus bidh cuirmean na bliadhna seo, air 9 agus 10 Sultain a’ cheart cho tarraingeach.
Thèid Crossing Borders air adhart ann an Taigh-Cluich One Touch, oidhche Haoine 9 Sultain. Tha am pìos ciùil brosgalach ùr air a dheisealachadh le Graham MacChoinnich, fìdhlear a bhoineas do dh’Inbhir Nis, agus a chaidh fhastadh le Cuirm nan Ceanglan Ceilteach bho thùs ann an riochd turais tro àiteachan a thug buaidh air Graham agus a chuid ciùil. Bidh Graham fhèin cuideachd a’ foillseachadh a’ chiad CD aige aig a’ chuirm agus na chuideachd bidh taghadh sònraichte de luchd-ciùil, nam measg Megan NicEanruig, Robbie MacChoinnich, Innes MacBhatair, Alice Allen, Stiùbhart MacUilleim, Ciorstaidh Pheutan, Scott Wood, Jim Molyneux agus Alison NicChoinnich.
Còmhla riutha air an àrd-ùrlar bidh cruinneachadh de sheinneadairean Gàidhlig a tha air a bhith an sàs anns a’ phròiseact Fuaran a chaidh a lìbhrigeadh le Fèisean nan Gàidheal, le taic bho Maoin Dhualchais a’ Chrannchair Nàiseanta agus a thug gu ìre stuth ann an riochd CD agus stòras air-loidhne. Bidh Blas a’ foillseachadh raon farsaing de dh’òrain Ghàidhlig a lorgar tro shaothar a’ phròiseict le Ceitlin LR Nic a’ Ghobhainn (Leòdhas), Ellen NicDhòmhnaill, (Inbhirnis/Uidhist a Tuath) Anna agus Jamie Dòmhnallach (Tiriodh), Isabelle Bain (Leòdhas) agus Iain Sheumais Mac a’ Bhreatannaich (Barraigh).
Thèid ceann is casan a chur air Blas aig oidhche mhòr le measgachadh sònraichte de thàlant Gàidhealach agus eadar-nàiseanta aig Taigh-cluiche Chùirt Eden an oidhche an-dèidh sin, Disathairne 10 Sultain. Os cionn chàich bidh Sharon Shannon bho Chontae an Chlàir, a’ cluich a’ bhocsa, sàr-neach ealain an saoghal ciùil na h-Èireann a tha air a bhith roimhe seo air chuairt còmhla ri na Waterboys agus a shoirbhich gu mòr còmhla ri Steve Earle leis an òran Galway Girl a ràinig Àireamh 1 air feadh an t-saoghail.
Cuide ri còmhlan Sharon Shannon bidh Nuallan, buidheann phìobairean a chaidh a thionail tro Cholaisde Gàidhlig Cheap Breatann ann an 2012 a lìbhrigeadh, a bhrosnachadh agus a rannsachadh stoidhle Gàidhlig na pìobaireachd a chaidh a thoirt a Chanada bho Ghàidhealtachd agus eileanan na h-Alba.
`S e còmhlan ùr de cheathrar a th’ann an Tide Lines, le dithis a chleachd a bhith an còmhlan Skippinish, Raibeart Robasdan à Lochabar agus Ross Wilson à Muile, an cuideachd Alasdair Mhic an Tuirneir à Alanais agus Fearghas Rothach à Glaschu. Tha iadsan air tighinn gu aire dhaoine gu mòr an dèidh soirbheachadh leis a’ chiad chlàr singilte aca Far Side of the World, a bha ga tharraing a-nuas nas trice ann an clàr an RA air thoiseach air Coldplay, Beyonce agus Adele.
Bidh an sgrìobhaiche agus bàrd Gàidhlig Aonghas Phàdraig Caimbeul cuideachd an làthair – fear a sgrìobh a’ mhòr- nobhal An Oidhche Mus do Sheòl Sinn, an leabhar a chaidh a thaghadh am measg an Deich As Fheàrr a chaidh a sgrìobhadh an Alba leis a’ mhòr-shluagh ann an Duaisean An List/Orange. Bidh Aonghas Phàdraig a’ nochdadh mar phàirt de cho-obrachadh a tha nis air a bhith a’ dol grunn bhliadhnaichean eadar Blas agus Comhairle nan Leabhraichean.
Thuirt Donna NicRath bho Fhèis Bhlas: “Tha e na uallach air an fhèis a bhith a’ sgaoileadh thachartasan air leth air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal ann an àiteachan beag is mòr. Tha ceangal sònraichte air a bhith eadar Blas agus Cùirt Eden bhon stèidhichear an fhèis agus tha e gu math freagarrach gu bheil an fhèis seo a’ crìochnachadh aig a’ phrìomh ghoireas ealain air a’ Ghàidhealtachd le dà chuirm mhìorbhaileach a’ taisbeanadh cultar na Gàidhlig.”
Tha làn chlàr na fèise ri fhaighinn a nis aig www.blas-festival.com far am faighear fiosrachadh mu na tachartasan gu lèir agus mar a gheibhear tiocaidean.