Tha Fèis Phàislig a’ tabhann cothroim air leth do luchd-ciùil òga Siorrachd Rinn Friù a thighinn còmhla gus ceòl traidiseanta a thaisbeanadh aig Na Seiseanan Spraoi san Dàmhair mar phàirt den Spree Festival.
’S ann air òigridh a tha comasach mar-thà air ionnsramaid a chluich no air seinn a tha an cothrom seo ag amas, is bidh compàirtichean ag obair còmhla thairis air dà latha gus taisbeanadh a chur còmhla mu choinneamh consairt dheireannaich. Bidh cothrom ann cuideachd a chluich aig seiseanan air feadh Shiorrachd Rinn Friù.
Tha Fèis Phàislig a’ lorg sheinneadairean agus luchd-ciùil a chluicheas ionnsramaidean leithid a’ bhogsa-ciùil, clàrsach, fidheall, giotàr, piana agus fìdeag. Bhiodh fàilte air ionnsramaidean eadar-dhealaichte cuideachd – cuiribh fios dhan fhèis airson comhairle.
Thèid seiseanan a chumail air feadh Shiorrachd Rinn Friù tro shaor-làithean na Dàmhair. Chan iarr an fhèis air luchd-ciùil ach aon seisean a-mhàin a fhrithealadh ach feumaidh buill pàirt a ghabhail anns a’ chonsart mu dheireadh agus seisean-ullachaidh a’ chonsairt seo
Cinn-latha cudromach –
- Diluain 17mh (10-4): Seisean Phàislig
- Dimàirt 18mh (10-4): Seisean Rinn Friù
- Diciadain 19mh (10-4): Seisean Arasgain
- Diardaoin 20mh: Seisean-ullachaidh a’ Chonsairt
- Dihaoine 21: Consart Mu Dheireadh
Thoiribh an aire – chan eil an tachartas seo freagarrach dha luchd-tòiseachaidh, agus feumaidh compàirtichean a bhith comasach air ceòl a leughadh no a thogail le cluais.
Gheibhear barrachd fiosrachadh mun chothrom seo, agus cothrom iarrtas a chur air staigh air loidhne, aig www.feisphaislig.com, no cuiribh fios gu cathraiche na fèise Grant McFarlane: grant@feisphaislig.com.