Tha Fèis Chataibh gu bhtih trang as t-Samhain le sreath de bhùthan-obrach anns na h-ealain traidiseanta ann am Brùra agus Goillspidh.
An toiseach air 5mh agus 6mh den t-Samhain cùmaidh an fhèis deireadh sheachdain obair-còmhlain dha deugairean ann am Brùra. ’S ann dha luchd-ciùil a tha air ìre eadar-meadhanach no adhartach a ruighinn air a’ phrìomh ionnsramaid aca tha an tachartas seo ag amas, agus tha an fhèis air sàr-sgioba de luchd-teagaisg a thrusadh air a shon, nam measg Gordon Gunn, Addie Harper, Charlie McKerron agus Ross Martin. Cosgaidh an tachartas seo £60 an duine le lòn gach latha agus dìnnear oidhche Shathairne na chois.
Na leasachadh ùr dha Fèis Chataibh bidh ‘Fèis Bheag’ a’ dol aca airson a’ chiad turais riamh Disatharine 5mh den Dàmhair ann am Brùra. Tron tachartas seo gheibh clann eadar 5 is 7 bliadhna a dh’ aois cothrom beagan ciùil, ealain agus seinn fheuchainn le sgeulachd sònraichte air fhighe a-staigh ris an latha. Tha cosgais £20 air an tachartas seo agus thèid a chumail eadar 10m is 3f.
An uairsin air 12mh den t-Samhain cumar Latha Fèise ann an Àrd-sgoil Ghoillspidh. Tha an tacharats seo a’ tairgse iomadh cuspair le clasaichean a’ dol agus air an cur air dòigh dhan a h-uile ìre comais. Tha an tachartas seo fosgailte do dh’òigridh bho 8 gu 18 bliadhna a dh’ aois agus cosgaidh e £20 an duine.
Gheibhear fiosrachadh slàn mu chuspairean, luchd-teagaisg, prìsean agus dòighean clàraidh airson gach tachartais na fèise an seo no bho ionmhasair Fèis Chataibh Debbie Celli air feischataibh@yahoo.co.uk.