Tha Fèis Obar Dheathain a’ tairgse feasgar trang de bhùthan-obrach dha cloinn agus inbhich as t-Samhain.
Air 13mh den t-Samhain, cùmaidh an fhèis bùthan-obrach ann an dannsa-ceum, seinn sa Ghàidhlig agus bodhran is drumaireachd bho 1.30 – 4.30f aig Seirbheisean Mothachaidh an Ear Thuath ann an Obar Dheathain. Bidh seiseanan a’ dol dha sgoilearan p2-7 le seiseanan a bharrachd dha òigridh ann an AS1 agus nas sine a’ dol aig a’ cheart àm, is iad sin fosgailte dha inbhich cuideachd. Tha cosgais £10 an duine air an tachartas seo.
Bidh an fhèis cuideachd a’ tairgse tachartais do chloinn òga bho 1.30 gu 2.15f. Bidh an ‘Fhèis Bheag’ a’ lìbhrigeadh seisean de sgeulachdan, seinn agus geamannan dha cloinn aois na sgoil-àraich agus sgoilearan p1. Cosgaidh an Fhèis Bheag £4 gach pàiste.
‘S e seo an dàrna thachartas a tha Fèis Obar Dheathain air chur air dòigh am-bliadhna, as dèidh seisean blasad fèise a chumail sa Chèitean san robh mu fhichead an sàs. Tha iad an dùil fèis trì latha a chumail sa Ghearran 2017.
Gheibhear fiosrachadh slàn mu chuspairean, luchd-teagaisg, prìsean agus dòighean clàraidh bho feisobardheathain@feisean.org.