Fèisean nan Gàidheal ga mholadh airson trì duaisean nàiseanta

Tha Fèisean nan Gàidheal air leth toilichte fhoillseachadh gu bheil obair na buidhne air a moladh airson trì duaisean nàiseanta am-bliadhna: dhà aig na Duaisean Gàidhlig agus tè a bharrachd aig Duaisean Ciùil Traidiseanta na h-Alba le MG Alba san Dùbhlachd.

A-nis air a’ cheathramh bhliadhna aca tha na Duaisean Gàidhlig air an cumail leis an Daily Record le taic bho Bhòrd na Gàidhlig gus aithne a thoirt do shàr oidhirpean is soirbheachadh ann an saoghal is cultar nan Gàidheal.  Tha Fèisean nan Gàidheal air a’ gheàrr-liosta airson Duais Eaconamach na Gàidhlig agus An Duais Ealain is Chultarach.  Thèid na buannachaidhean fhoillseachadh a-nochd, Diciadain 16 den t-Samhain, ann an Glaschu.

Aig a’ cheart àm tha Fuaran – iomairt dualchais Fèisean nan Gàidheal – air a cur air adhart airson Pròiseact Coimhearsnachd na Bliadhna aig Duaisean Ciùil Traidiseanta na h-Alba san Dùbhlachd.

’S pròiseact rannsachaidh eadar-ghinealach a th’ ann am Fuaran a tha air cothrom a thoirt dha sgioba de sheinneadairean òga òrain Ghàidhlig anns na coimhearsnachdan aca fhèin a rannsachadh agus a chlàradh as ùire, le taic bho eòlaichean beul-aithis agus seinneadairean Gàidhlig air a bheil meas mòr ann an saoghal na Gàidhlig.  Tha Fuaran air goireas foghlaim ùr a chruthachadh anns a bheil clàraidhean, facail agus fiosrachadh a bhuineas dha 22 òran uile gu lèir.  Tha an goireas seo, agus 22 bhideo le fo-thiotalan Gàidhlig agus Beurla, ri fhaicinn saor ’s an asgaidh air loidhne, is CD dhe na h-òrain air a sgaoileadh an asgaidh dha sgoiltean, leabharlainn, fèisean, buidhnean dualchais is comuinn eachdraidh.

Thuirt Ceannard Fèisean nan Gàidheal Art MacCarmaig:  “Tha Fèisean nan Gàidheal air leth thoilichte gu bheil ar n-obair air h-ainmeachadh airson trì duaisean nàiseanta agus tha seo na urram mòr dhuinn gun teagamh.  Duaisean ann no às air a’ cheann thall, ge-tà, tha na molaidhean seo nan samhla den obair mhòr a tha a’ dol air adhart air feadh na dùthcha le ar luchd-obrach, luchd-teagaisg agus gu h-àraidh le luchd-obrach saor-thoileach nam fèis.  Bu thoil leinn taing mhòr a thoirt dhaibh-san airson an cuid obrach, agus dhar luchd-maoineachaidh airson an cuid taice leantainnich a leigeas leinn cothroman compàirteachais is cosnaidh anns na h-ealain Ghàidhlig a leasachadh, agus a dhol an sàs ann am pròiseactan ionmhalta leithid Fhuarain.”

Thèid Duaisean Ciùil Tradiseanta na h-Alba a thaghadh leis a’ phoball: chithear geàrr-liosta nan duaisean, le stiùireadh air dòighean-bhòtaidh, air làrach-lìn Hands Up For Trad. ‘S e Dihaoine 18 den t-Samhain an ceann-latha airson bhòt a chur a-staigh.

 

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer