Tha Fèis Dhùn Èideann a’ dèanamh deiseil airson na fèise bliadhnaile aca ann am prìomh bhaile na h-Alba sa Ghearran. Tha dà thachartas sònraichte fainear dhan fhèis: latha-ciùil do dh’àrd-sgoilearan Disathairne 11 den Ghearran agus fèis dà latha Diluain 13 is Dimàirt 14 den Ghearran le caochladh cuspair do dh’òigridh ann an c1 – 7.
Latha Ciùil na h-Àrd-sgoile, Disathairne 11 den Ghearran
An toiseach tha an latha-ciùil freagarrach do dh’àrd-sgoilearan a tha comasach air ionnsramaid mar-thà aug ire eadar-meadhanach no adhartach. Thèid na bùthan-obrach a chumail bho 10m gu 5f far am bi cothrom aig compàirtichean puirt no òrain a thogail is an uairsin an rianachadh ann am buidhnean. ‘S iad Darren MacIlleathain agus Angus Lyon an luchd-teagaisg, is cosgaidh an tachartas £25 an duine. Bidh cèilidh teaghlaich aig an fhèis oidhche Shathairne bho 6.30 gu 8.30f le ceòl bho sgioba teagaisg na fèise, is bidh cothrom aig compàirtichean na pìosan ùra aca a thaisbeanadh.
Prìomh fhèis (c1-7), Diluain 13 is Dimàirt 14 den Ghearran:
Tha iomadh cuspair ri fheuchainn do dh’òigridh ann an c3-7 a’ gabhail a-staigh fidheall, bogsa-ciùil, giotàr, feadan is a’ phìob, fìdeag, clàrsach, òrain Ghàidhlig, drumaireachd, obair-còmhlain, ealain agus dannsa-ceum. ‘S ann eadar 9m is 4f gach latha is cosgais £45 air an tachartas.
Aig a’ cheart-àm bidh seiseanan ‘Cleas is Ceòl’ a’ dol dha sgoilearan ann an clas 1-2 bho 1.45 – 4f gach latha a bheir seachad blasad aotrom de cheòl, seinn is dannsa. Tha cosagis £25 air Cleas is Ceòl.
Fiosrachadh & Clàradh:
’S ann am Bun-sgoil Taobh na Pàirce ann an Dùn Èideann a thèid gach tachartas a chumail. Tha Fèis Dhùn Èideann toilichte lùghdachadh £5 a thabhann dha compàirtichean nan clasaichean leantainneach aca.
Tha foirm-clàraidh airson an latha na h-àrd-sgoile ri fhaotainn an seo.
Tha foirm-clàraidh airson na prìomh fhèise an seo.
Airson barrachd fhaighinn a-mach cuiribh fios gu Gilllian NicDhòmhnaill air feisdhuneideann@feisean.org.