Fèis an Iar Thuath 2017 fosgailte do dh’iarrtasan

Tha Fèis an Iar Thuath fìor thoilichte fhoillseachadh gu bheil iad fosgailte do dh’iarrtasan airson na prìomh fhèis aca ann an Sgobhairigh.

Thairis air Diluain 20mh agus Dimàirt 21mh den Ghearran 2017 bidh an fhèis a’ tairgse bhùthan-obrach do dh’òigridh eadar 8 is 18 bliadhna a dh’ aois anns na cuspairean a leanas: fidheall, bogsa-ciùil, giotàr, feadan is a’ phìob, fìdeag, dràma agus drumaireachd. A bharrachd air seo gabhaidh a’ chlann pàirt ann an seiseanan obair-còmhlain agus geamannan Gàidhlig gach latha.

A-measg an luchd-oide bidh Lindsay Cherry, Addie Harper, Irene Fraser, Joseph Peach agus Lisa NicDhòmhnaill. Thig an sàr-sgioba seo còmhla oidhche Luain airson cèilidh na fèise, a bhios a’ dol ann an Talla-baile Sgobhairigh bho 7f.

A thuilleadh air na prìomh bhùthan-obrach bidh Fèis Bheag a’ tabhann cothroim dhan fheadhainn bheaga pàirt a ghabhail anns an fhealla-dhà tro sheiseanan ealain, seinn is geamannan. Tha na seiseanan seo fosgailte do chloinn eadar 4 is 7 bliadhna a dh’ aois.

Tha cosgais £14 air a’ phrìomh fhèis airson dà latha a theagasg le greim-bìdh na maidne na chois gach latha. Tha an Fhèis Bheag a’ cosg £5 gach latha agus gheibh a’ chlann greim-bìdh na maidne cuideachd.

Tha bileag fiosrachaidh agus foirm-clàraidh airson an dà thachartais ri fhaotainn an seo. Ma thathar airson barrachd fhaighinn a-mach mu ghin de na tachartasan shuas cuiribh fios gu rùnaire Fèis an Iar Thuath Sheilah Cunningham air 01971 502 072 / sheilahcunningham@btinternet.com.

Creative Scotland The Scottish Government Highlands and Islands Enterprise Bòrd na Gaidhlig Highland Council Comhairle nan Eilean Siar Argyll & Bute Council We are a Living Wage Employer