Tha Fèisean nan Gàidheal a’ rannsachadh cruth ar Sgoil Shamhraidh Dràma gus dèanamh cinnteach gu bheil an tachartas a’ freagairt air iarrtasan òigridh le ùidh pàirt a ghabhail innte. Bhitheamaid gu mòr an comain deugairean (a ghabh pàirt innte roimhe no le ùidh pàirt a ghabhail san àm ri teachd), agus/no pàrantan nan lìonadh sibh a’ chèisteachain a leanas:
https://www.surveymonkey.co.uk/r/SSD2017
Tha fiosrachadh mun Sgoil Shamhraidh Dràma ri fhaotainn air ar làrach-lìn a th’ aig www.feisean.org/ssd.