Ath-bheòthachadh Fèis Obar Dheathain

Tha Fèis Obar Dheathain a’ dèanamh fiughair ris a’ chiad phrìomh fhèis aca ann an grunnd bhliadhna, a thèid a chumail sa bhaile an-ath mhìos.

‘S ann o chionn co-dhiù ochd bliadhna a thachair an fhèis mu dheireadh san sgìre. Dh’ fhairich muinntir an àite gun robh beàrn ann agus chaidh comataidh ùr de saor-thagraichean a stèidheachadh. Chumar a’ chiad choinneamh aca san Fhaoilleach 2016 agus anns na dusan mìosan a dh’ fhalbh, tha iad mar-thà air dà bhuth-obrach a ruith.

Thuirt neach-eagraiche na fèise, Anna Thirkell gur e aon dhe na rudan as cudthromaiche mun fhèis gun robh e a’ toirt cothrom do chloinn Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh na sgoile ach gun toireadh e bogadh do dhaoine òga gun Ghàidhlig cuideachd, aig tachartas spòrsail.

Thairis tri latha, eadar 11mh-13mh Gearran, bidh oideachadh ciùil, seinn is dràma am paillteas do chloinn aois 3-18. Bidh tuitearan sònraichte a’ stiùireadh bhùthan-obrach ann an leithid fìdeag agus dannsa-ceum do dhaoine òga aois 8-18 san Fhèis Mhòr. A bharrachd air sin, gheibh cloinn aois 5-7 san Fhèis Bheag agus aois 3-5 san Fèis Bheag Bhìodach seiseanan blasad ciùil, geamanan is òrain. Thèid na tachartasan air fad a chumail Acadamaidh na Cùilt.

Chuireadh an fhèis fàilte air iarrtasan o chloinn is daoine òga sam bith, ge bi dè an t-eòlas aca air ceòl is a’ Ghàidhlig.

Thuirt Art MacCarmaig, Ceannard Fèisean nan Gàidheal, a bhios a’ cumail taic ris an fhèis: “Tha e na thlachd gu bheil Fèis Obar Dheathain ga stèidheachadh a-rithist. Tha an obair a chaidh a dhèanamh leatha roimhe, a bhios a’ leantainn sa Ghearran, a’ dearbhadh gu bheil ùidh aig òigridh Obar Dheathain, agus am pàrantan, ann an dualchas agus cànan nan Gàidheal. Bidh an fhèis a’ cur ris an eòlas aig sgoilearan a tha a’ faotainn foghlam tron Ghàidhlig sa bhaile, cho math ri cothrom a thoirt do dhaoine òga eile blasad den dhualchas fhaighinn airson a’ chiad uair.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh agus foirmean-clàraidh bho feisobardheathain@feisean.org

Creative Scotland The Scottish Government Bòrd na Gaidhlig Highland Council Argyll & Bute Council William Grant Foundation We are a Living Wage Employer